Piseach san amharc air lìonra ChalMac?

An 'LOTI ùr'Tùs an deilbh, CMAL
  • Air fhoillseachadh

Bha 'coinneamh èiginn' mhuinntir Uibhist a Deas a' sealltainn cho buileach cudromach 's a tha aiseagan ChalMac do choimhearsnachdan air feadh taobh siar na h-Alba.

Aig gach ceann de gach seirbheis a tha CalMac a' lìbhrigeadh, tha luchd-siubhail, luchd-aoigheachd agus gnìomhachasan a' crochadh air na bàtaichean – agus a' fulang ann an iomadach dòigh nuair nach bi iad a' seòladh.

An trioblaid - gu sìmplidh - 's e nach eil bàtaichean gu leòr ann.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Leis an Hebridean Isles air a cur a-mach a seirbheis is i air fàs ro shean, chan eil gu soithichean gu leòr ann airson a h-uile seirbheis, ged a bhiodh iad uile a' ruith gun trioblaid.

Tha an Caledonian Isles air a bhith san doc fad còrr air bliadhna a-nis às dèidh sreath de thrioblaidean. Tha CMAL ag ràdh gu bheil iad dòchasach gu bheil an obair a' dol gu math ach chan eil dùil rithe air ais gu co-dhiù deireadh na mìos.

Chan eil sin air uimhir a bhuaidh a thoirt air seirbheisean Eilean Arainn agus CMAL air an Alfred fhaighinn air iasad. Cha robh an t-aonta ach airson beagan mhìosan an toiseach, ach tha siud air maireachdainn còrr air dà bliadhna a-nis, aig cosgais £1m gach mìos.

Aig a cheart àm, tha an Hebrides air dheireadh - bha dùil gum biodh i air falbh ceala-deug bho sheirbheis Ùig, Loch nam Madadh agus an Tairbeart ach tha còrr air mìos bhon uairsin.

Tha sin uile a' fàgail nach eil seirbheis Loch Baghasdail gu ruige Malaig air ruith idir am-bliadhna. Chan eil ach an aon bhàta air slighe Ìle seach na dhà. Tha an Isle of Arran a' dol eadar an t-Òban is Muile an-dràsta, ach a dh'aindeoin 's gu bheil i 41 bliadhna a dh' aois - 's i an aon soitheach a tha comasach air ceangal aig cidhe Cheann Loch Chille Chiarain agus mar sin chan eil an t-seirbheis sin a' ruith am-bliadhna a bharrachd.

Ciamar a fhuair CalMac dhan t-suidheachadh seo ma-thà?

Fo-thiotal a’ bhidio,

Sa chumantas, tro na h-ochdadan agus na naochadan, bhiodh soitheach mòr ùr a' tighinn dhan chabhlachd aca gach dàrna no treas bliadhna. Dh'atharraich siud às dèidh dhaibh an Hebrides fhaighinn ann an 2001, le beàrn de dheich bliadhna gus an tàinig am Finlaggan. Fhuaireas an Loch Seaforth goirid às dèidh sin ann an 2014, ach a dh'aindeoin an t-òrdugh a' dol a-steach air an dearbh bhliadhna sin, 's ann dìreach anns na beagan mhìosan mu dheireadh a thàinig an Glen Sannox gu seirbheis.

Thuirt John Daniel Peteranna, Cathraiche Buidheann Ghnìomhachais Uibhist a Deas gun d' fhuair iad boillsgeadh dòchais aig a' choinneimh Dimàirt agus tha coltas - gu ìre - gu bheil sin fìor air feadh an lìonra.

Leis an 'LOTI ùr', mar a tha cuid a' gabhail oirre, bidh sia bàtaichean eile san amharc.

An Glen Rosa Tùs an deilbh, River Clyde Photography
Fo-thiotal an deilbh,

Thèid an Glen Rosa a chur air bhog Dimàirt

Mar a bha an Glen Sannox, tha an Glen Rosa air dheireadh agus aig prìs nach creideadh cuid. Tha dùil rithe ro dheireadh na bliadhna, ged nach eil sin buileach cinnteach fhathast. Bidh muinntir Arainn a' cumail sùil ghèir thar nam mìosan ri thighinn gus am faigh iad an dàrna soitheach air a bheil iad air a bhith a' fèitheamh cho fada.

A bharrachd orrasan, tha ceithir bàtaichean aig diofar ìrean aig gàrradh Chemre san Tuirc.

Tha a dhà dhiubh - an Isle of Islay agus an Loch Indall - gu bhith a' frithealadh Ìle, ach a-rithist tha dàil orra sin. Thug crith-thalmhainn mhòr san Tuirc buaidh mhòr air an obair, 's le sin chan eil dùil gum bi a' chiad tè ann an seirbheis chun an treas chairteal den bhliadhna seo.

Isle of IslayTùs an deilbh, CMAL

Às dèidh na dhà sin, bidh dà soitheach eile, an Claymore agus an Lochmor a' dol air na slighean eadar Ùig an Eilein Sgitheanaich, an Tairbeart agus Loch nam Madadh. Fiù 's le bliadhna agus an còrr mus bi iad sin ann an seirbheis, tha HITRANS air a' mhìos seo fhèin air a bhith ag iarraidh gun dèanadh iad trì tursan air ais 's air adhart dha na h-Eileanan Siar gach là, agus a' bhuidheann a' cumail a-mach gu bheil iarrtas gu leòr ann airson a leithid. Chan eil CalMac air gabhail ri sin fhathast agus iad ag ràdh gu bheil conaltradh a' leantainn mu dè dìreach a nì na bàtaichean ùra nuair a thig iad.

Tha aon rud cinnteach, ge bith dè na ni iad de thursan san là – bidh feum orra, agus tha iad a dhìth. Bidh an Isle of Mull còrr is 38 bliadhna agus an Isle of Lewis faisg air 32 bliadhna mun àm a bhios an Claymore agus an Lochmor an seo agus tha CMAL air innse mar-thà gur iad an Isle of Mull agus an Isle of Lewis an ath fheadhainn a dh'fhalbhas airson ath-chuairteachadh.

Soidhne
Fo-thiotal an deilbh,

Soidhne bho 2023 is muinntir Uibhist a' togail fianais mu shuidheachadh nan aiseagan.

Boillsgeadh dòchais ma-tha, mar a bha muinntir Uibhist a Deas ag ràdh, ach fios cuideachd gu bheil gach bàta eile a' fàs nas sine gach là. Chan eil dol às aig CalMac is CMAL ach a bhith a' cumail orra ag iarraidh bhàtaichean ùra – 's e a cheist, cuin a gheibh iad maoineachadh air an son.