Coimhearsnachd Chill Rìmhinn "air an dòigh ghlan" le co-dhùnadh fearann a cheannach

Dealbh de na planaichean aig Poet's NeukTùs an deilbh, Poets' Neuk
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Poet's Neuk airson gàrradh poblach a stèidheachadh aig an làraich

  • Air fhoillseachadh

Tha buill buidhinn choimhearsnachd ann an Cill Rìmhinn "air an dòigh ghlan" is cead ga thoirt dhaibh pìos fearainn ann am meadhan a' bhaile a cheannach an aghaidh toil an uachdarain.

Seo a' chiad uair a-riamh ann an Alba a thèid fearann a tha fo shealbh prìobhaideach a reic ri buidheann choimhearsnachd san dòigh seo.

Tha am buidheann airson a cheannach is a leasachadh gu bhith na ghàrradh poblach, le ìomhaigh Màiri Banrigh na h-Albann aig a chridhe.

Tha a-niste chun an 13mh den Chèitean aig an uachdaran gus ath-thagradh eile a dhèanamh - mus tèid am fearann a reic.

An làrach

Chuir Ministearan Riaghaltas na h-Alba taic bho thùs ri iarrtas a' bhuidhinn - Poets' Neuk - ann an 2024, a' cleachdadh pàirt ùr den lagh.

Ach chaidh stad a chur air a' ghnothach fhad 's a rinn an t-uachdaran - urras a tha stèidhichte ann an Eilean Mhanainn - ath-thagradh gu cùirt an t-Siorraidh ann an Dùn Dè.

Tha an Siorram Timothy Niven-Smith a-nise air aontachadh gun robh ministearan Riaghaltas na h-Alba iomchaidh agus laghail nuair a cho-dhùin iad taic a chur ri iarrtas Poets' Neuk.

Tha luchd-iomairt agus Riaghaltas na h-Alba an dòchas gum brosnaich a' chùis seo coimhearsnachdan eile air feadh Alba gus fearann a thoirt nan làmhan fhèin.

A' cur fàilte air breith na cùirte, thuirt Graham Wynd, Cathraiche Poets' Neuk: "'S e fìor dheagh naidheachd a tha seo do choimhearsnachd Chill Rìmhinn agus an sgioba de luchd-còmhnaidh a chuir taic ris a' phròiseact seo bho 2017.

"Tha obair air thoiseach oirnn gus am pròiseact seo a thoirt gu buil. Chan eil sinn gar mealladh fhèin nach bi feum air oidhirp mhòir bhon choimhearsnachd mu thimcheall. Tha mi cinnteach gun tig an taic a tha sin."

Tha a' chùis stèidhichte air criomag bheag de dh'fhearann aig Greyfriars Garden ann am meadhan sgìre eachdraidheil Chill Rìmhinn.

Thathas ag ràdh gun tug Màiri Banrigh na h-Albann làrach far an robh manachainn aig aon àm dha muinntir a' bhaile mar thiodhlac.

Ro-shealladh den ghàrradh agus ìomhaidh Màiri Banrigh na h-Albann na lùibTùs an deilbh, Poets' Neuk

'B ann an 2024 a chuir Ministearan na h-Alba taic ri tagradh a' bhuidhinn choimhearsnachd airson am fearann a cheannach, a' cleachdadh pàirt ùr den lagh a cheadaicheas fearann ​​a reic ri buidheann choimhearsnachd an aghaidh toil an uachdarain, ma tha e buailteach "leasachadh seasmhach" a bhrosnachadh agus "gu maith a' phobaill"

Thuirt Ministearan na h-Alba aig an àm gun toireadh an co-dhùnadh "buaidh nas fharsainge air cleachdadh fearainn ann an Alba".

Dh'fhaodadh e, thuirt iad, "coimhearsnachdan eile ann an Alba a bhrosnachadh gus beachdachadh a bheil fearann ​​san sgìre aca a dh'fhaodadh a bhith air ​​a reic ris a' choimhearsnachd, gus buannachdan mòra a thoirt don choimhearsnachd."

Am pìos fearainn ann an Cill Rìmhinn
Fo-thiotal an deilbh,

Tha sgudal is eile a' laighe air an làraich an-dràsta

Ach rinn an t-uachdaran Forthtay Eta tagradh gu Cùirt an t-Siorraidh ann an Dùn Dè.

Rinn Forthtay argamaid gun robh Ministearan na h-Alba air a bhith "mì-laghail" agus "taobhach" don bhuidhinn choimhearsnachd nuair a rinneadh an co-dhùnadh gus an reic a cheadachadh.

Thuirt luchd-lagha an uachdarain cuideachd gun robhar air cead-dealbhachaidh a shireadh grunn tursan airson bothan cofaidh fhosgladh air an làraich, ach gun deach na h-iarrtasan a dhiùltadh le comhairlichean Fìobha.

Às deidh èisteachd sa Ghearran, tha an Siorram Niven-Smith a-nise air breithneachadh sgrìobhte fhoillseachadh a' diùltadh ath-thagradh an uachdarain.

Thog e air cho ùr 's a bha a' chùis, ach thuirt an Siorram nach robh e a' beachdachadh air cho iomchaidh 's a bha tagradh a' bhuidhinn choimhearsnachd, neo sealbh leantainneach an uachdarain.

Ann an co-dhùnadh, sgrìobh e: "Tha mi riaraichte gun tug na ministearan aire don lagh mar a bu chòir air na ceistean a bh' aca ri fhreagairt."

Tha luchd-iomairt ath-leasachadh an fhearainn an dòchas gum brosnaich a' chùis seo ùidh ann an coimhearsnachdan eile.

Chuir an Dr Josh Doble, manaidsear poileasaidh Fearann ​​​​Coimhearsnachd na h-Alba, fàilte air a' cho-dhùnadh is e ag ràdh gu bheil e "sònraichte".

"Tha slighe fhada air a bhith aig a' choimhearsnachd ann an Cill Rìmhinn chun na h-ìre seo agus tha sinn a' cur meal-a-naidheachd orra gu mòr air an t-soirbheachas seo," thuirt e.

Dh'aidich an Dr Doble gu bheil na còraichean ceannaich a th' aig coimhearsnachdan fon lagh "ag atharrachadh ghnothaichean a thaobh seilbh phrìobhaidich", ach gu bheil an co-dhùnadh seo a' sealltainn gu bheil an lagh seasmhach is laidir "gu moralta agus gu laghail".

"Tha sinn an dòchas gum bi am breithneachadh cudromach seo a' toirt misneachd do Riaghaltas na h-Alba - air a bheil cruaidh-fheum - gus a dhol an sàs ann am Bile Ath-leasachadh an Fhearainn is a dhèanamh àrd-amasach," thuirt e.

"Feumaidh am Bile dèanamh cinnteach gu bheil a h-uile gabhaltas-fearainn cudromach ann an Alba air a riaghladh airson maith a' phobaill. Agus mura h-eil, faodar dùbhlan a chur ro mar a tha iad air an riaghladh."

Tha dragh air cuid de dh'uachdarain mun bhuaidh air còraichean seilbhe prìobhaideach.

Chan eil e soilleir am bi an t-uachdaran ann an cùis Chill Rìmhinn a-nis a' sireadh ath-thagraidh eile.

A' bruidhinn às leth an uachdarain ron seo, thuirt MML Law gum bu chòir luchd-seilbh fearainn "aire gheur" a thoirt don chùis leis gum faodadh e "buaidh fharsaing a thoirt air mòran air feadh na h-Alba".