"Leugh mi "a' Hobat" ann an naoi cànanan a-niste"

- Air fhoillseachadh
Dh'innis am fear a th' air The Hobbit le J.R.R. Tolkien eadar-theangachadh dhan Ghàidhlig gu bheil e a' faighinn "tlachd domhain, inneachail às" ge b' e dè an cànan anns a bheil e ga leughadh.
Thuirt an t-Oll. Moray Watson à Oilthigh Obar Dheathain gum bi e a' feuchainn ri grèim fhaighinn air dreach den Hobbit anns a h-uile cànan a dh'ionnsaicheas e - is gun do leugh e an leabhar ann an naoi cànanan gu seo.
Leis an obair aige fhèin agus le taic bho Chomhairle nan Leabhraichean, tha cothrom aig na Gàidheil a-nise The Hobbit a leughadh sa chànan aca fhèin.
""Tha tlachd ann an leughadh air leth cudromach aig iomadh ìre nuair a thig e gu spèis agus inbhe cànain," thuirt an t-Oll. Watson.
"Tha a bhith comasach air taghadh bho raon farsaing de theacsaichean tarraingeach cuideachd air leth cudromach nuair a tha thu ag ionnsachadh cànain no nuair a cho-dhùineas tu an oidhirp fhada, sheasmhach sin a dhèanamh a tha riatanach gus a dhol bho chomas ann an cànan gu maighstireachd.
"Nuair a dh'ionnsaicheas mi cànan ùr a-nis, bidh mi an-còmhnaidh a' rùrachd feuch a bheil eadar-theangachadh de The Hobbit ann. Ma tha, ceannaichidh mi e.
"Mar sin, is urrainn dhomh nobhail a leughadh tràth sa phròiseas ionnsachaidh, oir tha eòlas math agam air an sgeulachd aig an ìre seo mu thràth.
"Gach uair a leughas mi e, anns a h-uile cànan, gheibh mi air tlachd domhain, inneachail fhaighinn às an rannsachadh de shaoghal Tolkien."

Tha an t-Oll. Watson na Stiùiriche air Ionad Eòghainn MhicLachlainn: an t-Ionad Nàiseanta airson Eadar-theangachadh Gàidhlig, a tha ann a dh'aona-ghnothach gus taic a thoirt do dh'eadar-theangachadh litreachais gu Gàidhlig, Gàidhlig Mhanainn agus Gaeilge.
Thòisich e air The Hobbit eadar-theangachadh mus to thachair glasaidhean Covid.
Chuir sin, agus na dleastanasan teagaisg aige, maill air an eadar-theangachadh.
'S e seo a' chiad uair a nochd an leabhar ainmeil anns a' Ghàidhlig, ged a chaidh dreach Gaeilge dheth - An Hobad - fhoillseachadh ann an 2012.
Tha an leabhar a' toirt a-steach a h-uile dealbh a rinn J.R.R. Tolkien fhèin sa chiad dreach den Hobbit, agus tha an t-Oll. Watson ag ràdh gun robh e na thoileachas agus na urram a bhith a' mion-sgrùdadh nam mapaichean, nan rùn-litrichean agus nan ìomhaighean nuair a bhathar a' dearbh-leughadh nan eadar-theangachaidhean airson iomadh turas mus deach fhoillseachadh.
"Chan iongnadh gun do ghabh daoine gaol don leabhar seo agus gum bi iad a' dèanamh sin faisg air 90 bliadhna às dèidh dha nochdadh an clò an toiseach," thuirt e.
Ma thathar le ceist carson is e "Hobat" a thagh e mar eadar-theangachadh dhan fhacal "Hobbit", agus carson a thagh e "a'" seach "an" mar an alt, gheibhear mìneachadh air an dà cheist anns an eàrr-ràdh a sgrìobh an t-Oll. Watson san leabhar, a tha a-niste ri fhaighinn airson òrdachadh.