Café Grinneabhat gus dùnadh

Grinneabhat
  • Air fhoillseachadh

Dhearbh Urras Coimhearsnachd Bhràdhagair agus Àrnoil gu bheil Café Grinneabhat gus dùnadh.

Ann am brath air na meadhanan-sòisealta, thuirt an t-urras gur e co-dhùnadh "glè dhoirbh" a bha seo dhaibh ach gu bheil an café air a bhith a' call airgid 'son ùine.

Thuirt iad gu bheil àrdachadh ann an cosgaisean agus lùghdachadh anns na tha a' cleachdadh an àite a' fàgail nach robh dol às aca.

Thug iad taing dha luchd-obrach an àite is iad ag ràdh gun do rinn iadsan an cafè "sònraichte", agus dhan fheadhainn a bha a' frithealadh air.

Tha a' bhuidheann ag ràdh gu bheil iad ag amas a-nise air an ostail aca agus air tachartasan coimhearsnachd a chur air dòigh.