An t-Eilean: Fhuair dràma Gàidhlig MG Alba duais mhòr eadar-nàiseanta

- Air fhoillseachadh
Dh'innis MG Alba gur e an sreath eucoir An t-Eilean a bhuannaich an duais airson an dràma a b' fheàrr aig duaisean TV Eòrpach, Prix CIRCOM 2025.
'S e Black Camel Pictures a rinn An t-Eilean a bh' air a choimiseanadh le BBC Alba.
Suidhichte sna h-Eileanan an Iar, tha e ag innse na sgeulachd mu mhurt boireannaich ann an caisteal a teaghlaich agus na thachras nuair a thig a ceathrar chloinne dhachaigh agus an athair fo amharas.
Dh'fhoillsich MG Alba bho chionn greis gur e am prògram a bu mhotha air an deach coimhead on thòisich an t-seanail Ghàidhlig BBC ALBA.
Thuirt Iain Moireasdan, Cathraiche MG Alba: "'S e naidheachd mhìorbhaileach a th' ann do An t-Eilean agus do chraoladh na Gàidhlig gun d' fhuair sinn prìomh dhuais Eòrpach.
"Tha e a' dearbhadh gun urrainn do phrògraman Gàidhlig a bhith a' farpais ris na dràmathan as fheàrr san Roinn Eòrpa."

Bha britheamhan bho 15 companaidhean-craolaidh Eòrpach uile an sàs ann a bhith a' taghadh cò na prògraman a b' fheàrr ann an grunn diofar roinnean.
Tha Marina Ramos bho RTP Portagail, cathraiche a' phanail a thagh An t-Eilean, ag ràdh gum "faca sinn uile dràmathan muirt bho air feadh an t-saoghail ach 's e sreath aig àrd-ìre a tha seo, le sgeulachd mhath, cleasaichean air leth, àrainneachd eireachdail agus, os cionn a h-uile càil, air a dhèanamh sa Ghàidhlig".
Thuirt i: "Tha e math gu leòr airson a bith air a chraoladh gu h-eadar-nàiseanta."
Gu dearbha, tha MG Alba air an amas sin a choileanadh; bidh An t-Eilean ri fhaicinn ann an grunn dhùthchannan an dèidh dhaibh an sreath a reic riutha.
Thèid an duais a thoirt seachd gu foirmeil aig cuirm aig Co-labhairt Bhliadhnail CIRCOM ann am Barcelona air an 22na den Chèitean.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh14 Am Faoilleach