Naidheachdan 11:00m
- Air fhoillseachadh
An Ucràin
Tha dùthchannan a tha dlùth ris an Ucràin air càineadh a dhèanamh air briathran Mhèar Kyiv. Bha Vitali Klitschko air innse don BhBC gum biodh aig an Ucràin ma dh'fhaoidte ri pìosan talmhainn a thoirt don Ruis gu h-eadar-amail co-dhiù mar dhòigh gus aonta sìthe fhaighinn. Tha tuigse ann gu bheil iarrtas ann gun leigeadh an Ucràin bhuaipe pìosan talmhainn air taobh sear na dùthcha.
Uill tha seo a' tighinn is oifigich air taobh sear na h-Ucràin air innse gun deach triùir a mharbhadh, òganach nam measg, anns an ionnsaigh dhròna Ruiseannaich as ùire air baile faisg air Dnipro. Tha seo a' tighinn agus tosgaire sònraichte nan Stàitean Aonaichte Steve Witkoff gu bhith a' dèanamh air Mosgo gus còmhraidhean a chumail leis a' Cheann-Suidhe Putin.
Na Bùithdean
Thàinig àrdachadh aig an ìre as luaithe ann an ceithir bliadhna air na chaidh a chreic aig na bùithdean anns a' chiad chairteal den bhliadhna, a rèir Oifis nan Staitistig Nàiseanta. Thàinig àrdachadh 1.6% air an taca ris na trì mìosan roimhe sin. Thuirt iad gu bheil iad an dùil gun tug sìde nas blàithe anns a' Mhàrt piseach air gnothaichean.
Cill Rìmhinn
Tha dùil ri breith cùirteach an ceann uair an uaireadair no mar sin air a bheil e ceart leigeil le buidhinn choimhearsnachd ann an Cill Rìmhinn pìos talmhainn a ghabhail fo smachd an aghaidh toil an uachdarain. Tha Cùirt an t-Siorraidh ann an Dùn Dè air a bhith a' dèanamh sgrùdaidh air ath-thagradh on uachdaran a tha a' cur an aghaidh na buidhne coimhearsnachd o bhith a' faighinn sealbh air Gàrradh nam Manach Liath. Tha cuid den bharail gu bheil a' chùis fìor chudromach a thaobh laghan fearainn na h-Alba.
Murtair
Chaidh lorg fhaighinn air murtair a bh' air teicheadh on phrìosan ann an Dùn Dè. Bha Raymond McCourt air neach-bùtha a mhurt bho chionn còrr air 30 bliadhna agus chaidh innse gun do theich e o Phrìosan Chaisteal Hunndaidh feasgar Dimàirt. Chaidh fhaicinn air bus ann an Dùn Èideann ge-tà, agus chaidh a chur an grèim leis na Poilis madainn an-diugh.
Kashmir
Tha Sir Keir Starmer air innse do Phrìomhaire nan Ìnnseachan, Narendra Modi, gu bheil e air uabhasachadh leis an ionnsaigh cheannairc ann an sgìre Khashmir anns an do dh'eug 26 duine. Thachair an ionnsaigh anns an sgìre a tha fo smachd nan Ìnnseachan Dimàirt, agus tha e air an càirdeas eadar na h-Ìnnseachan agus Pagastan a dhèanamh nas miosa buileach.
Am Pàpa
Tha ceannardan stàite a' dèanamh air an Ròimh 's an obair-ullachaidh mu dheireadh a' dol airson aifreann tiodhlacaidh a' Phàpa Prainnseas a bhios ann a-màireach. 'S e an-diugh an cothrom mu dheireadh airson a dhol seachad air ciste-laighe a' Phàpa ann am Basilica an Naoimh Peadar gus luaidh a dhèanamh air. Sin mus tèid a dhùnadh a-nochd fathast. Tha còrr air 128,000 duine air sin a dhèanamh o chaidh a chiste-laighe a ghiùlain chun a' Bhasilica Diciadain.
Teine
Tha oifigich poilis anns a' Ghearasdan a' sireadh fiosrachaidh às dèidh mar a chaidh teine a chur a dh'aona-ghnothach. Thachair an ionnsaigh air sgìre Wallace Place den bhaile aig mu 12:50m an-diugh. Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm chun na làraich agus chaidh cur às den teine. Cha deach duine sam bith a ghoirteachadh, ach chaidh na dachannan mu thimcheall fhalamhachadh dìreach air eagal.