Sgeulachd bàird agus Blàr Chùil Lodair aig cridhe dealbh-chluiche ùir

Mìcheal Nevin a' taisbeanadh an dealbh-chluiche mu Iain Ruadh Stiùbhart
Fo-thiotal an deilbh,

Tha obair Iain Ruaidh Stiùbhairt airidh air "àite maireannach" am bàrdachd na h-Alba a rèir an ùghdair Mìcheal Nevin

  • Air fhoillseachadh

Tha sgeulachd beatha Iain Ruaidh Stiùbhairt, bàrd Gàidhlig agus oifigear Seumasach, ga h-innse ann an dealbh-chluich ùr mu Bhlàr Chùil Lodair.

Bidh 279 bliadhna an t-seachdain seo fhèin bho bha an cath mu dheireadh ann eadar feachdan an riaghaltais Bhreatannaich agus na Seumasaich a bha a' cur taic ri iomairt Theàrlaich Òig Stiùbhairt airson a' Chrùin.

Chaill còrr is 1,200 saighdear Seumasach am beatha agus thàinig an t-ar-a-mach a bh' air tòiseachadh a' bhliadhna ron sin gu ceann air mòintich air iomall Inbhir Nis.

Ged a bha an rèisimeid aig Iain Ruadh san t-sreath toisich thàinig e beò às agus choisinn e cliù airson a chuid bàrdachd Ghàidhlig mun bhlàr.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Dealbh-chluich ùr mu Bhlàr Chùl Lodair

Tha an dealbh-chluich mu bheatha a' bhàird air a sgrìobhadh leis an ùghdar, Mìcheal Nevin, a bha cuideachd a' cluich caractar Iain Ruaidh.

Fhuair e taic airson na chruthaich am bàrd eadar-theangachadh dhan Bheurla.

"Bhiodh e a' tòirt àbhachd do dhaoine sna taighean-cèilidh air a' Ghàidhealtachd agus tha e mar chlàradh air na thachair.

"'S ann cuideachd stèidhichte air bròn airson na chaill am beatha aig Cùil Lodair, agus bha e a' cur an cèill mar a bha e fhèin a' faireachdainn ann an dòigh phearsanta agus cumhachdach."

Leis nach biodh Iain a' sgrìobhadh sìos a' bhàrdachd chan eil air fhàgail againn ach 12 dàn, agus 's ann mu dheidhinn Cùil Lodair a tha còig dhiubh sin.

"Tha a chuid bàrdachd airidh air àite maireannach ann am bàrdachd Albannach, agus bàrdachd na Gàidhlig," thuirt Mìcheal Nevin.

An dèidh mìosan air falach rinn Iain Ruadh air an Fhraing còmhla ris a' Phrionnsa Teàrlach.

Bhàsaich e ann an sin ann an 1752.