Leasachadh ann am Ploc a' Chaoil
- Air fhoillseachadh

Seallaidhean bho Phloc a' Chaoil.
Tha leasachadh mòr anns an amharc aig Ploc a' Chaoil ann an Caol Loch Aillse.
Chaidh am pìos fearainn - mu 80 acair air oir a' Chaoil - fhàgail aig a' coimhearsnachd bho chionn 70 bliadhna, leis a' Bhan-Tighearna Hamilton.
Tha a-nis Urras Coimhearsnachd a' Chaoil agus Loch Aillse a' beachdachadh air mòran ghnothaichean a dhèanamh airson daoine a thàladh dhan sgìre.
Thuirt oifigear leasachaidh na sgìre, Joanne Wawrzyczek, gu bheil iad ag amas air cafaidh, làrach-campachaidh, slìghean-coiseachd às ùr, agus an t-seann raon golf a leasachadh, mar phàirt de phlanaichean a th' aca.
"Bu mhiann leinn an t-àite seo fhuasgladh suas dhan choimhearsnachd, agus buannachdan a thoirt chun na sgìre," thuirt i.
Am Bothan
'S ann leis a' bhuidhinn cuideachd a tha am bothan far am b' àbhaist do dhaoine a bhith a' pàigheadh chìsean Drochaid an Eilein Sgitheanaich.
Dh'innis tè de bhuil an Urrais, Pam Noble, mar a thèid a chosg.
"Tha sinn gus a bhith a' gluasad dhan bhothan seo air a' mhìos seo tighinn agus bidh e na oifis dhuinn.
"B'àbhaist gu lèor dhaoine am bothan seo fhaicinn mar àite a bha a' dèanamh sgaradh sa choimhearsnachd, 's mar sin tha e math gun cuir sinn feum air a-nis mar ionad airson brosnachadh a thoirt dhan sgìre," thuirt i.
Tha Ploc a' Chaoil a' seasamh os cionn a' bhaile le seallaidhean dhan iar-thuath do Dhrochaid an Eilean Sgitheanaich agus Caol Àcain.