Drugaichean air an lorg sna Hearadh

An Tairbeart
  • Air fhoillseachadh

Dhearbh Poileas Alba gun deach cocain is cainb a lorg aig taigh anns na Hearadh.

Thuirt iad gun deach oifigich is cù dha taigh air Sràid MhicCuithein air an Tairbeart Diardaoin.

Fhuair iad cocain, cainb is airgead.

"Tha sinn mothachail air a' bhuaidh a tha drugaichean a' toirt air ar coimhearsnachdan is tha sinn airson dèiligeadh ri mì-chleachdadh dhrugaichean," thuirt Ross McCartney bho Phoileas Alba.

"Cleachdaidh sinn gach goireas a th' againn is bu thoigh leam taing a thoirt dhan fheadhainn a chuidich sinn, a' gabhail a-steach Com-pàirteachas Deoch-làidir is Drugaichean nan Eilean Siar.

"Bu chòir do dhuine sam bith le draghan mu dhrugaichean sa choimhearsnachd aca fios a chur gu Poileas Alba air 101."