Smachd air teine mòintich aig Stac Pollaidh

Teine-monaidhTùs an deilbh, Sgioba Teasargainn nam Beann Asainte
Fo-thiotal an deilbh,

Sgap an teine gu luath timcheall Stac Pollaidh

  • Air fhoillseachadh

Fhuair luchd-smàlaidh smachd air teine mòintich a thòisich faisg air Stac Pollaidh Didòmhnaich.

Chaidh fios a chur air na seirbheisean an toiseach mu 08:24m Didòmhnaich.

Bha sia carbadan-smàlaidh an sàs agus chaidh iarraidh air a' phoball cumail air falbh.

Le toit thiugh bhon teine a' toirt buaidh air an sgìre, b' fheudar na poilis rathad Aichilidh Bhuidhe a dhùnadh eadar ceann rathad an A835 agus Bad a' Ghoill.

Chuireadh an dealan dheth airson uair a thìde gu leth feasgar na Sàbaid, leis gun robh an teine a' tighinn faisg air an loidhne-dealain.

Chaidh an teine a chur às oidhche Luain.

Tha luchd-smàlaidh fhathast an làthair Dimàirt 'son dèanamh cinnteach nach tòisich an teine rithist.

Tha rabhadh "glè àrd" an sàs, taobh a-muigh bho theintean monaidh an-dràsta is rabhadh "fìor àrd" ann Diardaoin nuair a tha dùil ri gaoth nas làidire.

Soidhne airson rathad a tha dùinte