HITRANS: Feumar seirbheisean aiseig a bharrachd eadar Ùig, An Tairbeart is Loch nam Madadh

Ùig, An t-Eilean Sgitheanach agus bàta-aiseigTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha argamaid làidir ann trì seòlaidhean air ais 's air adhart gach là a bhith ann eadar an t-Eilean Sgitheanch, na Hearadh agus Uibhist a Tuath a rèir HITRANS.

'S ann an urra ris a' bhuidheann phoblach a tha e ro-innleachd còmhdhail airson na Gàidhealtachd agus nan sgìrean eileanach a leasachadh.

Tha iad ag ràdh gu bheil trì seòlaidhean a dhìth airson a' bhuannachd eaconamach as motha a bhith ann dha na coimhearsnachdan a tha an eisimeil nan ceanglaichean aiseig.

Tha am moladh a' tighinn an dèidh dhaibh rannsachadh a dhèanamh am measg dhaoine, buidhnean agus gnìomhachasan an Uibhist agus na Hearadh.

Tha HITRANS ag ràdh gum biodh treas seòladh na bu ghoireasaiche don dà chuid eileanaich agus luchd-turais.

Thuirt stiùiriche na buidhne, Ranald Robertson: "Chan ann dìreach airson turasachd a bhrosnachadh a tha sinn ag argamaid airson sheòlaidhean a bharrachd, ach airson beatha nan eileanach a dhèanamh nas seasmhaiche, na cosgaisean aca a lùghdachadh agus spionnadh a thoirt dhan eaconamaidh."

Leig muinntir Uibhist fhaicinn mar thà gur e trì seòlaidhean a b' fheàrr leotha aig coinneimh phoblaich an-uiridh.

Ranald Robertson, Stiùiriche HITRANS
Fo-thiotal an deilbh,

Sgrìobh stiùiriche HITRANS, Ranald Robertson, gu CalMac a' dèanamh argamaid airson treas seòladh

Tha dà bhàta-aiseig ùr ChalMac, an MV Claymore agus an MV Lochmor, gu bhith a' tòiseachadh air na slighean an ath-bhliadhna.

Tha dà sheòladh air ais agus air adhart sa là ga mholadh an-dràsta ach tha Ranald Robertson ag ràdh "gum faodar argamaid a dhèanamh nach bithear a' faighinn luach an airgid a-mach à bun-structar cosgail agus riatanach le dà sheòladh a-mhàin sa là".

Tha e a' cumail a-mach gun toireadh e buaidh air na seirbheisean Citylink a tha a' ceangal Ùige ri Port Rìgh, Inbhir Nis agus Glaschu agus a th' air a bhith ann fad na deichean bhliadhnaichean.

Thuirt Mgr Robertson: "Nam biodh na ceanglaichean sin air an call bhiodh e na bu duilghe do luchd-còmhnaidh siubhal air còmhdhail phoblach agus bhiodh aca ri crochadh barrachd air carbadan prìobhaideach - rud a tha a' dol an aghaidh amasan seasmhachd Riaghaltas na h-Alba."

Tha HITRANS ag ràdh nach eil clàr-ama ChalMac a' tighinn a rèir Plana Cheanglaichean nan Eilean a tha ag aithnicheadh cho cudromach 's a tha e seirbheisean còmhdhail phoblach a leasachadh a chùm màith eaconamaidh nan eilean.

Tha Mgr Robertson air sgrìobhadh gu Jennifer Dewar ris a bheil clàran-ama ChalMac an urra a' mìneachadh na h-argamaid aca.

Thuirt CalMac gu bheil dùil gum bi dà sheòladh gu leòr airson an ìre de dh' iarratas ris am biodh dùil as t-samhradh, ach gun toir iad sùil air na th'aig Hitrains ri ràdh.