Croitean-coille, taigheadas agus aonadan gnothachais air fàire mu Loch Dubhthaich

- Air fhoillseachadh
Chaidh airgead a ghealltainn airson pròiseact a tha ag amas air ath-bheothachadh a thoirt air a' choimhearsnachd mu Loch Dubhthaich air taobh siar na Gàidhealtachd.
Thabhainn Stòras Fearainn na h-Alba £166,720 airson dà phìos fearainn a cheannach aig Ratagan agus Sàraig bho Choilltearachd is Fearann Alba.
Thèid còig croitean-coille a stèidheachadh, a thuilleadh air làraichean airson taigheadas aig prìs reusanta, dà aonad gnothachais agus gàrradh coimhearsnachd.
Bidh cuideachd pròiseact eile a' dol na chois tro am bi sia aonadan taigheadais air prìs reusanta gan leasachadh.
'S iad Urras Coimhearsnachd a' Chaoil is Loch Aillse a th' air cùlaibh a' phròiseict, a tha mar phàirt de Phlana-gnìomha Ionadail Coimhearsnachd Loch Aillse.
Sheall rannsachadh gur e prìomhachas na coimhearsnachd san sgìre taigheadas a bhith ann air a bheil cothrom aig muinntir an àite gus daoine òga agus teaghlaichean a ghlèidheadh.
Nochdadh ùidh cuideachd ann am fearann fhaighinn do dhaoine airson rudan a chur is fhàs, agus cothrom air aonadan-obrach air màl, am measg phrìomhachasan na coimhearsnachd.

"Tha barrachd dhaoine a th' air an dreuchdan a leigeil dhiubh a' fuireach ann an sgìre Comhairle Coimhearsnachd Loch Dubhthaich na sgìre sam bith eile ann an Loch Aillse," thuirt Anna Chaimbeul, a tha na ball de dh'Urras Coimhearsnachd a' Chaoil is Loch Aillse agus Comhairle Coimhearsnachd Loch Dubhthaich.
"Tha na tha de dhaoine òga is chloinn a' sìor thuiteam."
Nuair a thòisich am pròiseact ann an 2021, bha 16 sgoilearan ann am Bun-sgoil Loch Dubhthaich. Chan eil a-niste ach deichnear innte.
'S e ceum a th' anns a' phròiseact seo a dh'ionnsaigh ath-bheothachadh a thoirt don choimhearsnachd agus cothroman a chruthachadh do dhaoine òga a th' air a bhith a' fàgail na sgìre.
"Gun daoine òga, tha e nas doirbhe do choimhearsnachdan cumail a' dol, 's mar sin bheir am pròiseact seo neart agus dòchas dhan choimhearsnachd againn san àm ri teachd," thuirt Ms Chaimbeul.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh13 An Gearran