Comhairle na Gàidhealtachd ga càineadh le buidheann-faire nan ùghdarrasan ionadail
- Air fhoillseachadh

Tha Coimisean nan Cunntasan a' toirt rabhaidh gum bi Comhairle na Gàidhealtachd ann an staing ionmhais mura dèan iad oidhirp a bharrachd leis gu bheil na th'aca air a thasgadh de dh'airgead aig ìre cho ìosal agus a tha an Alba.
Rinn buidheann-faire ùghdarrasan ionadail na h-Alba sgrùdadh ann an 2019 air obair na comhairle bho 2010.
Fhuair an aithisg gu bheil e air fàilleachadh air Comhairle na Gàidhealtachd gearraidhean gu leòr a chur an sàs sna beagan bhliadhneaichean a dh' fhalbh.
Tha an Coimisean cuideachd ag ràdh gum feum iad atharrachaidhean a chur an gnìomh nas luaithe airson coinneachadh ri sàbhalaidhean luach £77.3m ro 2023.
Lìbhrigeadh sheirbheisean
Feumaidh iad, am beachd a' Choimisein, sàbhalaidhean mòra a dhèanamh fhathast agus crathadh a thoirt air mar a tha iad a' toirt seachad sheirbheisean airson agus gun tèid aca gun a dhol thairis air buidseat.
Tha iad a' togail draghan nach eil an t-ùghdarras a' coileanadh thargaidean a thaobh sheirbheisean an taca ri ìrean nàiseanta, gu h-àraid nuair a thig e gu foghlam.
Tha iad a' moladh gum feum iad piseach a thoirt air an dòigh sa bheil iad a' measadh mar a tha iad ag obair airson agus gum bi tuigse nas fheàrr aca air na tha a dhìth airson cùisean a leasachadh.
Thuirt ball de Choimisean nan Cunntasan, Anndra Burns: "Tha an aithisg seo a' sealltainn gu soilleir gu bheil dùbhlain mhòra a thaobh ionmhais ron chomhairle agus gu bheil e riatanach gun atharraich iad mar a tha iad a' toirt seachad sheirbheisean.
"Tha e math gu bheil sin a' tacharit nas luaithe agus tha e cudromach gun lean iad orra leis an sin. Ach tha e gu bhith fìor dhuilich dhan chomhairle coinneachadh ris a h-uile targaid aca agus na geallaidhean a rinn iad."
Adhartas
Fhuair an aithisg gun deach adhartas a dhèanamh cuideachd.
Am measg na fhuair moladh 's e Pàrlamaid Òigridh na Gàidhealtachd a stèidhicheadh ann an 2001 airson cothrom a thoirt do dhaoine òga beachdachadh air gnothaichean na comhairle.
Tha High Life Highland, buidheann na comhairle a bhios a' ruith ionadan spòrs agus leabharlainn, cuideachd a' faighinn molaidh bhon choimisean airson agus mar a rinn iad sàbhalaidhean.
Tha an coimisean a' dol a dhèanamh barrachd sgrùdaidh gu cunbhallach air oidhirpean an ùghdarrais ionadail a thaobh sheirbheisean a leasachadh agus airgead a shàbhaladh.
Ro-innleachd shoilleir
Tha Comhairle na Gàidhealtachd air fàilte a chur air aithisg na buidhne-sgrùdaidh.
Thuirt iad gu bheil i ag aithneachadh nan dùbhlan ionmhasail a bh' aig a' chomhairle san deichead mu dheireadh, ach gu robh iad cuideachd a' gluasad nas luaithe airson agus gum bi am buidseat seasmhach.
Tha Ceannard Comhairle na Gàidhealtachd, Mairead NicDhàibhidh, ag ràdh: "Tha an aithisg a' toirt feairt air ro-innleachd shoilleir Comhairle na Gàidhealtachd agus gun deach adhartas a dhèanamh gus cruth-atharrachadh agus piseach a thoirt air mar a tha iad ag obair."
Coinnichidh a' Chomhairle air 5mh den Mhàrt airson bruidhinn mun aithisg.