Taistealaich na h-Alba a' sireadh leisgeul stàite

  • Air fhoillseachadh
DorasTùs an deilbh, Dr. Daniel Baker
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh am bothan seo a thogail air làraich a chaidh a stèidhicheadh do Thaistealaich air iomall Bhaile Chloichridh.

Tha Taistealaich Albannach ag ràdh gun do dh'fhulaing iad ana-cheartas agus gràin-chinnidh o chionn linntean.

Tha luchd-iomairt sa choimhearsnachd ag ràdh gu bheil sin fhathast fìor do gu leòr aca.

Tha iad ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba leisgeul iarraidh airson phoileasaidhean a bha ag amas a dh'aona-ghnothach, tha iad ag ràdh, air cur às do Thaistealaich Albannach mar chinneadh.

Tha iad a' cur as leth nan ùghdarrasan - an Riaghaltas, an eaglais, na h-uaislean, comhairlean ionadail - gun robh iad uile a' toirt taic do dh'oidhirpean thar ùine mòir airson coimhearsnachd, cultar agus caitheamh-beatha nan Taistealach a lagachadh airson an dìth-mhisneachadh agus an dèanamh coltach ris an t-sluagh "àbhaisteach".

Fadachd an Earraich

'S ann nuair a bhiodh an conasg fo bhlàth a rachadh na Taistealaich air an rathad a-rithist air feadh Alba, ged a bu dual do gu leòr aca a bhith a' triall fad na bliadhna.

Tha cuimhne aig mo mhàthair a bhith a' dol dhan sgoil còmhla ri ceàrdan òga (chan airson dìmeas orra a tha mi a' cleachdadh an fhacail seo, ach airson spèis a thoirt do sgilean ciùird nan daoine) a bha a' campachadh air làraich ghrinn, thuirt i, ann am Minginis san Eilean Sgitheanach far an do thogadh i.

Bha m'athair ag innse gum faicte tric as t-samhradh teantaichean luchd-taisteil ri taobh an uillt shìos bhon taigh aca air taobh siar Leòdhais nuair a bha esan na bhalach òg.

B' e sin cleachdadh an luchd-taisteil fad linntean mòra, ach tha luchd-iomairt nam measg ag ràdh gu bheil fianais aca a tha a' dearbhadh gun deach gabhail ri poileasaidhean san 20mh linn a chaidh a dhealbh airson stad a chur air an siubhal-tìre agus dèiligeadh ri "trioblaid nan taistealach" neo "the tinker problem".

Iomairt

Thug Seumas Mac a' Phì agus a phiuthair, Roseanna Nic a' Phì, fianais seachad ann an cùis eachdraidheil a fhuair aithne laghail do Thaistealaich na h-Alba mar chinneadh fa leth ann an 2008.

Roseanna, Bridget agus Seumas Mac a’ PhìTùs an deilbh, Seumas Mac a’ Phì
Fo-thiotal an deilbh,

Roseanna, Bridget agus Seumas Mac a’ Phì

Thogadh an dithis aca ann am Bobbin Mill, làrach a chaidh a stèidhicheadh do Thaistealaich air iomall Bhaile Chloichridh ann an Siorrachd Pheairt.

Chaidh làraichean mar seo a chomharrachadh do Thaistealaich air feadh na dùthcha; Am Blàr Dubh, Conndainn, An Todhar, Inbhir Ùige, Obar Dheathain, Fìobha agus anns na Crìochan, am measg eile

Tha iad air fianais a chruinneachadh a tha a' sealltainn gun robh na h-àiteachan-tuineachaidh seo mar phàirt de dheuchainnean co-choslachaidh a thòisich na h-ùghdarrasan sna 40an.

Taigheadas suarach

Bha naoinear ann an teaghlach Sheumais agus Roseanna agus chaidh an cur ann am bothan Nissan anns nach robh ach aon seòmar-caidil gun dealan neo uisge teth agus, mar a fhuaireadh, san robh asbestos nam ballachan.

Seumas Mac a’ PhìTùs an deilbh, Dr. Daniel Baker
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Seumas Mac a' Phì agus a phiuthair, Roseanna Nic a' Phì air fianais a chruinneachadh a tha a' sealltainn gu robh na h-aiteachan-tuineachaidh seo mar phàirt de dheuchainnean co-choslachaidh a thòisich na h-ùghdarrasan sna 40an.

Chaidh gealltainn dhaibh gum faigheadh iad taighean nas fheàrr ach cha do thachair sin.

"'S e am beachd-smuain aig an àm sin nach robh aig luchd-siubhail an comas taigh a chumail glan agus a chumail air an dòigh", thuirt Roseanna Nic a' Phì.

"Smaoinich iad nan robh iad gan cur ann am bothagan a bha fon ìre àbhaistich a bh' aig taighean eile, às dèidh greis bhiodh iad cleachdte ri a bhith a' cumail taighe agus dh'fhaodadh do na h-ùghdarrasan taighean àbhaisteach a thoirt dhuinn", mhìnich Roseanna.

Aideachadh

A bharrachd air poileasaidh an taigheadais, tha iad ag ràdh gun deach laghan a chur an sàs a dh'fhàg e na bu dhuilghe dhaibh a bhith a' triall, agus tha aithrisean ann gun deach bagairt air teaghlaichean gun rachadh a' chlann aca a thoirt air falbh bhuapa agus a chur ann an cùram.

Tha Roseanna agus Seumas an sàs san iomairt airson leisgeul oifigeil fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba, iomairt a tha a' faighinn taic bho eòlaichean Chòraichean a' Chinne-Daonna.

Thuirt Seumas Mac a' Phì: "Bu chòir, aig a' char as lugha don Riaghaltas leisgeul iarraidh dhan fheadhainn a dh'fhulaing air sgàth 'Deuchainnean Taigheadas nan Taistealach' a bhris còraichean a' chinne-daonna fo lagh eadar-nàiseanta (ICCPR, Artagail 7, a tha a' toirmisg dheuchainnean gun chead).

"Bhiodh aideachadh Riaghaltas na h-Alba gun robh na chaidh a dhèanamh ceàrr a' toirt co-ionannachd do Thaistealaich le buidhnean eile a fhuair leisgeul stàite.

"Mar sin, tha e neònach nach eil Riaghaltas na h-Alba a' gabhail ris an stiùireadh bhon Ollamh Ailean Mac a' Mhuilleir, agus nach eil iad idir air co-rèireachd a shealltainn san fhreagairt gu ruige seo dhan choimhearsnachd."

Freagairt an riaghaltais

San litir mu dheireadh a fhuair iad bho mhinistearan, chaidh gabhail ris gun do rinn poileasaidhean agus cleachdaidhean eachdraidheil call agus cron air Taistealaich na h-Alba.

Tha an Riaghaltas ag ràdh nach iad a bu choireach ri cleachdaidhean a bha uair cumanta aig na comhairlean ionadail agus buidhnean catharannais.

'S e argamaid luchd-strì mar Roseanna agus Seumas gun d'fhuair daoine gèidh, daoine a dh'fhulaing droch-dhìol cloinne agus daoine a fhuair fuil thruaillte uile leisgeul foirmeil na stàite.

Tha iad a' gealltain gun cùm iad orra a' strì airson ceartas do na daoine aca.