Companaidh chùraim "fosgailte"

  • Air fhoillseachadh
Dachaigh-cùraim Home Farm

Thuirt am fear a tha os cionn na companaidh a tha a' ruith dachaigh-cùraim Home Farm ann am Port Rìgh, HC One, nach eil iad a' cumail sìon bhon t-sluagh.

Thuirt e gu bheil iad air a bhith a' dèiligeadh ri cùisean a chaidh a thogail co-cheangailte ri àireamhan luchd-obrach agus glainead ann an aithisg bho Choimisean a' Chùraim toiseach na bliadhna.

Tha connspaid a' cuairteachadh na dachaigh is triùir air bàsachadh le Covid-19, 's an galar air còrr 's 50 duine ann, eadar luchd-còmhnaidh agus luchd-obrach.

"Aon uair 's gun d' fhuair sinn an aithisg, chuir na manaidsearan anns an dachaigh, agus na manaidsearan taobh a-muigh na dachaigh, planaichean gnìomha an sàs a dhèanamh cinnteach gun robh sinn a' dèiligeadh ris na draghan a chaidh a thogail 's a' toirt piseach air gnothaichean," thuirt Cathraiche HC One, Sir Dàibhibh Behan.

"Cha chuir mise dùbhlan sam bith ron aithisg.

"'S e an obair againne gabhail ris na molaidhean san aithisg agus obair chruaidh a dhèanamh dan rèir.

"'S e an rud ron cuir mi dùbhlan, 's e mar a thathas ag ràdh gu bheil ceangal eadar ìre a' chùraim san dachaigh agus na tha den bhìoras ann - bhìoras, mar a tha fhios againn, a bhios gu h-àraid a' toirt buaidh air daoine nas sine.

"Tha an luchd-obrach san dachaigh seo air a bhith ag obair gu math gu math cruaidh ach an dèilig iad ris na draghan a chaidh a thogail leis a' Choimisean, agus iad a' tòiseachadh air cùram aig àrd-ìre a thoirt seachad," thuirt e.