An duine mu dheireadh aig an robh Gàidhlig dhùthchasach Eilean Mhanainn
- Air fhoillseachadh
Tha 50 bliadhna ann an-diugh bho bhàsaich an duine mu dheireadh aig an robh Gàidhlig dhùthchasach Eilean Mhanainn.
Bha Ned Maddrell, a bha 97 nuair a chaochail e, air a' Ghàidhlig a thogail bho antaidh a mhàthar, Mairead Taubman, na bhalach beag.
Bha ise a' fuireach ann an Cregneash ann an iar-dheas an eilein agus 's gann gun robh Beurla aice idir.
Ged a bha Gàidhlig Mhanainn air a dhol à bìth mar chànan coimhearsnachd anns a' mhòr-chuid den eilean, bha i fhathast beò ann an corra àite.
Agus, a rèir Ned, bha i pailt ann an Cregneash sna h-1880an.
"Ec yn traa shen, v'ad loayrt Gailck ayns dy chooilley thie bunnys ayns yn boayl (Aig an àm sin, bha iad a' labhairt Gàidhlig anns a h-uile taigh a bh' anns a' bhaile"), thuirt e.
Chuir Ned bliadhnaichean seachad aig muir ag iasgach agus thug an obair sin e gu Èirinn agus Alba, far an do thadhail e air na h-Eileanan an Iar.
Chanadh e gur ann tro a bhith a' coinneachadh ri luchd-labhairt na Gàidhlig mar iasgair a chùm e an cànan aige fhèin beò.
Ann an 1947, thadhail prìomhaire na h-Èireann, Éamon De Valera, air Eilean Mhanainn agus choinnich e ri Ned ann an Cregneash.
Mar thoradh air an turas seo agus na còmhraidhean a bh' aige le Ned, chuir De Valera pròiseact air chois gus luchd-labhairt dùthchasach mu dheireadh Gàidhlig Mhanainn a chlàradh.
Aig an àm sin cha robh ach dòrlach luchd-labhairt air fhàgail, agus, às dèidh bàs Sage Kinvig ann an 1962, b' e Ned an duine mu dheireadh le Gàidhlig dhùthchasach an eilein.
Ned agus Fred
Ann an 1966, thàinig an craoladair Gàidhealach, Fred MacAmhlaigh, a thadhal air Ned na dhachaigh ann an ceann a deas Eilean Mhanainn.
Chaidh na còmhraidhean aca, ann an Gàidhlig agus Beurla, a chlàradh agus bha iad air a chraoladh an uairsin ann an Alba.
Tha am blàths agus spèis a bh' eatorra follaiseach sna clàraidhean.
Bhruidhinn iad mu fharsaingeachd de chuspairean eadar beatha Ned, Gàidhlig Mhanainn, agus beatha na coimhearsnachd san eilean.
Dh'innis Ned dha Fred mar a bha Bàgh a' Chaisteil agus Steòrnabhagh am measg nan àitichean air an do thadhail e leis an iasgach ann an Alba.
Thuirt e gun do thuig e tomhas math den Ghàidhlig a chuala e anns na h-eileanan leis gun robh Gàidhlig Mhanainn aige.
Bhruidhinn iad cuideachd mun t-seòrsa saobh-chreideamhan a bh' aca air na bàtaichean-iasgaich.
"Bha faclan ann nach fhaodadh tu a ràdh," thuirt Ned.
"Luchain, rodain, cait agus rabaidean - no beathach sam bith le ceithir casan."
Crìonadh
Ged a dh'innis e do Fred gun robh Gàidhlig anns a h-uile taigh sa bhaile nuair a bha e òg, mhìnich e mar a bha crìonadh a' tighinn air a' chànan aig an aon àm.
"Bha cuid ann a bhruidheadh i na b' fheàrr na cuid eile," thuirt e.
"Bha cuid ann agus bha a' Ghàidhlig aca gu math briste.
"Agus fhad 's a thàinig srainnsearan a-steach dhan eilean, dh'fhalbh a' Ghàidhlig aig an aon àm, mar mholl leis a' ghaoith."
Ged a bha e fhèin gu math pròiseil mu a chuid Ghàidhlig, dh'innis e mar a bha cuid a' faireachainn nàire.
"Bha mi a' dol tarsainn eadar Douglas agus Liverpool mar neach-siubhail uaireigin agus àrd-oifigear an t-soithich, chaidh a thogail leis a' Ghàidhlig. Bha athair agus a mhàthair ga bruidhinn.
"Agus fhad 's a bha sinn a' feitheamh gus faighinn far an t-soithich ann an Liverpool, thuirt mi rudeigin ris anns a' Ghàidhlig Mhanainneach.
"Agus thuirt e: 'I don't understand you, boy.'
"Agus thuirt mise, 's e nàire dhutsa a tha sin ma-thà oir chuala tu gu leòr dheth nad thogail!"
Ath-bheòthachadh
Aig deireadh a bheatha dh'fhàs Ned an ìre mhath ainmeil airson na h-inbhe a bh' aige mar an neach-labhairt dùthchasach mu dheireadh.
Theagaisg e an cànan do dh'fheadhainn a bha airson a togail agus thug e brosnachadh dhaibh.
Anns an 50 bliadhna bho bhàsaich e, tha ath-bheòthachadh air a thighinn air Gàidhlig Mhanainn.
Chaidh 'Bunscoill Ghaelghagh' an eilein fhosgladh ann an 2001, agus thuirt an cunntas-sluaigh mu dheireadh ann an 2021 gu bheil 2,223 duine comasach air a bruidhinn.
Tha a' phròis a bh' aig Ned Maddrell mun Ghàidhlig a-nis aig gu leòr eile ann an Eilean Mhanainn.
'S e adhartas a th' ann a chaidh a thogail, gu ìre mhòir, air an dìleib phrìseil a dh'fhàg e.