Ath-sgrùdadh a dhìth air obair an iasgaich
- Air fhoillseachadh
Chaidh ath-sgrùdadh iarraidh air mar a tha Alba a' dèiligeadh ri obair an iasgaich ri linn draghan mu sheasmhachd a' ghnìomhachais.
Thuirt Caidreachas Iasgairean na h-Alba (SFF) gu bheil iad an-fhoiseil mu na tha de thuathan-gaoithe air fleod gan stèidheachadh ann an uisgeachan na dùthcha, agus mun dìth airgead-dìolaidh a tha an gnìomhachas a' faighinn.
Tha dragh air Àrd-oifigear an SFF, Elspeth NicDhòmhnaill cuideachd mu bharganach sam bith a thèid a dhèanamh leis an Aonadh Eòrpach a thaobh cheadan-iasgaich ann an uisgeachan na h-Alba.
"Feumaidh còrdadh ùr sam bith eadar an Rìoghachd Aonaichte agus an EU a bhith na bhuannachd do dh'iasgairean na h-Alba", thuirt i.
Tha an dà chuid, Riaghaltas Westminster is Riaghaltas Holyrood air a ràdh ron seo gu bheil iad a' tuigsinn an dùbhlain a tha mu choinneamh iasgairean 's gu bheil iad a' cur taic ris a' ghnìomhachas.