Mar a lorg Niteworks am Port Mòr a bha air Chall
- Air fhoillseachadh
An cuala sibh riamh mun Phort Mhòr a bha air Chall?
Port draoidheil a thug ainm dha sgeulachd ghoirid aig Niall Mac an Rothaich, an sgrìobhadair iomraiteach a rugadh an Inbhir Aora san 19mh Linn.
'S ann air bruaichean Loch Fìne fhèin a tha an sgeulachd stèidhichte is triùir phìobairean cruinn ann an clachan air a bheil Leth-Bhaile.
Tha am fear as sine dhiubh - dham b' ainm Pàdruig Dall - ag innse dha dithis òga mun Phort Mhòr a bha air Chall, pìos nach cluicheadh e air a' phìob mhòir idir ri linn cho cumhachdach 's a bha e. Cunnartach cumhachdach.
"Am port a bhrosnaicheas fir gu creach agus a dh'fhàgas na cagailtean fuar....a chuireas fir chun an rathaid mhòir, a dh'fhàgas gillean neo-shuidhichte, is a chuireas mnathan gu sireadh".
Ach a dh'aindeoin rabhaidhean Phàdruig Dhoill, tha na pìobairean òga a' toirt air am port a sheinn air a' phìob mhòir.
"Chaidh am port troimh gach cùil is ceàrn an Leth-Bhaile agus a-steach do dhubhar na coille ghiuthais: chuir e stad air glaodh na caillich-oidhche, agus ràinig a bheum Beinn Bhreac. Chluinneadh luchd-bàta e fada is cian air an locha, agus dh'èirich luchd Leth-Bhaile nan suidhe ag èisteachd.
"B' e an sgeul a dh'innis e aon a bha doirbh ri h-aithris, nì-èiginn de mhiann a' chridhe agus de shealbh dìomhair na beatha seo.
"Sud am Port Mòr a bha air Chall" arsa Pàdruig Dall, an uair a thuit am màla fàs air a ghaoirdean.
"Agus sheall an dithis air a chèile mar ann am breislich".
Nise, 's iomadh pìos ciùil shònraichte is àlainn a chuala mi nam bheatha, ach cha do smaoinich mi riamh air a' Phort Mhòr a bha air Chall gus an cuala mi Niteworks.
Leis a' mheasgachadh iongnantach aca de cheòl traidiseanta is ceòl eileactronaigeach, chruthaich balaich Niteworks is an luchd-ciùil tàlantach eile a bha a' cluich còmhla riutha rudeigin air leth sònraichte, rudeigin a chaidh tro gach cùil is ceàrn, is rudeigin nach robh duine eile air a dhèanamh roimhe.
Rinn iad seo is iad a' dèiligeadh ri cuspairean mòra na Gàidhealtachd bho na linntean a dh'fhalbh chun an là an-diugh.
Chuir iad Somhairle MacGill-Eain, crìonadh-sluaigh is cor na Gàidhlig is ionnsramaidean traidiseanta ri ceòl dannsa is solais a bha a' priobadh. Is bha e cho nàdarra 's a ghabhas.
Lorg Niteworks am Port Mòr a bha air Chall - is barrachd na aon turas.
Is ma bha port Nèill Mhic an Rothaich na shamhla air cultar is cànan a bha gus seargadh, bha ceòl Niteworks a' dol calg-dhìreach an rathaid eile.
Abair thusa gun do bhrosnaich e gu leòr gu creach is iad air am fàgail neo-shuidhichte san dòigh as fheàrr a dh'fhaodadh a bhith ann.
Ach a-nise tha na cagailtean dha-rìribh fuar is slighe Niteworks air tighinn gu ceann às dèidh sreath de chuirmean air leth san t-Samhain.
Chaidh clach air an càrn an uairsin aig na Trads le duais 'son a' chòmhlain bheò as fheàrr agus 'son seirbheisean dhan Ghàidhlig.
Bha sin air leth iomchaidh is an còmhlan air a bhith nan sàr-riochdairean do chultar nan Gàidheal, a' togail air an dualchas aca fhèin is ga snìomh gu nàdarra le nòsan eile a sheall dha duine sam bith a bha le ceist gu bheil a' Ghàidhlig beò is gu bheil i a' bocadaich.
Is thug iad mar sin an cànan gu h-àrd-ùrlaran ùra is sluagh nach biodh, 's dòcha, eòlach is bàidheil rithe mura b' e sin.
Bha am measgachadh de luchd-taic follaiseach a-rithist aig na cuirmean mu dheireadh le feadhainn às gach àite cruinn, gan call fhèin sa cheòl.
'S e an rud eile a bha follaiseach an spèis mhòr, mhòr a bha aig daoine dhaibh, is am bròn a bha an luchd-taic a' faireachdainn gun robh iad air deireadh na slighe a ruighinn, beagan nas tràithe, 's dòcha, na bha mòran an dùil, ged a bha tuigse glè mhath ann carson.
'S dòcha nach do thuig Niteworks fhèin buileach na bha iad a' ciallachadh do dhaoine.
Bu chòir gu bheil fios aca a-nise.
Ach tha teans gun do mhothaich cuid na faclan "for now, it's time to let the sun set on Niteworks" sa bhrath mu dheireadh bhon chòmhlan.
Tha dòchas an sin co-dhiù, là brèagha air choireigin is nuair a tha iad fhèin deiseil, gun cluinn sinn bho Niteworks a-rithist, is nach caillear am port mòr a lorg iad.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh14 An t-Samhain
- Air fhoillseachadh14 An t-Samhain
- Air fhoillseachadh23 An t-Samhain 2023