"Ceistean rim freagairt" mu Home Farm

  • Air fhoillseachadh
Ionad dheuchainnean
Fo-thiotal an deilbh,

Chuir an t-Arm ionad dheuchainnean air chois san Eilean Sgitheannach ri linn an t-suidheachaidh

Tha comhairliche san Eilean Sgitheanach a chaill athair ri linn Covid-19 ann an dachaigh-cùraim Home Farm am Port Rìgh ag ràdh gum feum rannsachadh a bhith ann mun chùis.

Tha Iain Aonghas Gòrdan am measg chòignear a bhàsaich san dachaigh leis a' Choròna-bhìoras.

Rinn a mhac, an Comh. Iain Gòrdan, moladh air luchd-obrach Home Farm, ach thuirt e gu bheil feum air freagairtean air ciamar a thàinig na h-uimhir de chùisean am bàrr san Eilean Sgitheanach.

"Feumaidh ceistean a bhith air an cur a thaobh na manaidsearachd, agus nan stiùirichean aig HC One a' dol air adhart," thuirt e.

"Chaidh rudeigin bunaiteach ceàrr an seo, 's chan e coire an luchd-obrach a tha sin.

"Feumaidh freagartan tighinn chan ann a-mhàin don choimhearsnachd ionadail ach do na buidhnean slàinte a tha an urra ri seo.

"Agus tha mi cinnteach gum bi Riaghaltas na h-Alba ag iarraidh na h-aon cheistean a chur feuch carson, ann an Alba air fad, a bha uimhir de chùisean ann an aon àite san Eilean Sgitheanach," thuirt e.