Cha tig àireamh a' bhàis bho Home Farm tuilleadh
- Air fhoillseachadh
Thuirt a' chompanaidh HC One a tha a' ruith dachaigh-cùraim Home Farm ann am Port Rìgh, nach eil iad gu bhith ag innse gu poblach tuilleadh cia mheud duine a tha a’ bàsachadh aig an dachaigh-chùraim agus Covid-19 orra.
Chaidh càineadh a dhèanamh orra sa choimhearsnachd airson a' cho-dhùnaidh.
Tha iad air innse gu ruige seo gu bheil còignear luchd-còmhnaidh air bàsachadh.
Chaidh an galar a dhearbhadh ann an 57 duine aig an dachaigh-chùraim, eadar luchd-còmhnaidh agus luchd-obrach.
Tha iarrtasan air nochdadh gun dèanar rannsachadh poblach air na th' air cùlaibh mar a sgap an galar anns an dachaigh-chùraim.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh7 An Cèitean 2020
- Air fhoillseachadh7 An Cèitean 2020