An siathamh bàs aig Home Farm le Covid-19

  • Air fhoillseachadh
Dachaigh-cùraim Home Farm

Thàinig dearbhadh air an deireadh-sheachdain gu bheil sianar a-nise air bàs fhaighinn aig Home Farm ann am Port Rìgh le Covid-19.

Tha dragh air èirigh mun dòigh sa bheil manaidsearan na dachaigh-cùraim agus HC-One, aig a bheil i, air bhith a' làimhseachadh ghnothaichean on chaidh an lockdown a ghairm.

Taobh a-muigh na dachaigh-cùraim, tha a' cheist ga faighneachd cò as còir a dhol gu deuchainn airson Covid-19; chan eil ach glè bheag de dhaoine air a dhol gu deuchainn chun an seo.

Tha aithrisean air nochdadh gu bheil iad air luchd-obrach a thoirt a-steach à tìr-mòr bho chionn ghoirid gun deuchainnean a dhèanamh orra, agus gu robh PPE glaiste ann am preas aig a' ghoireas airson agus nach biodh an uidheamachd dìon air a caitheamh leis an luchd-obrach.

Dh'innis HC-One gum feumadh iad daoine bho cho fada air falbh ri Peairt agus Kent a thoirt a-steach an dèidh dhan lockdown tòiseachadh leis cho gann agus a bha iad de luchd-obrach ionadail

Thuirt fear-labhairt gun tàinig an luchd-obrach à dachaighean far nach robh Covid-19 dearbhte neo far an robh an galar ach a bha air faighinn seachad air. Dh'fhàg cho fìor fheumach agus a bha iad air luchd-obrach aig dachaigh Phort Rìgh nach deach iad fo dheuchainnean.

Thuirt iad gun do thòisich manaidsear ùr aig an dachaigh bho chionn ghoirid ach gun robhas air seo a chur air dòigh bho chionn fhada agus nach robh deuchainnean rim faighinn aig an àm a thòisich an duine seo.

Thuirt iad cuideachd gun robh daonnan PPE gu leòr ri fhaighinn do luchd-obrach.