Deuchainn as ùr aig Dachaigh-cùraim Home Farm

  • Air fhoillseachadh
Dachaigh-cùraim Home Farm
Fo-thiotal an deilbh,

Tha NHS na Gàidhealtachd an sàs ann a bhith a' ruith na dachaigh-cùraim.

Chaidh an Coròna-bhìoras a dhearbhadh a-rithist air neach-obrach aig Dachaigh-cùraim Home Farm ann am Port Rìgh.

Ach thathar an dùil gur ann bhon a' chiad uair a bha an galair air an neach a tha seo a' tighinn agus nach e gu bheil an galar a' sgapadh às ùr..

Bha am ball-pàrlamaid 'son na sgìre, Ian Blackford air aire a thoirt dhan chùis air na meadhanan-sòisealta.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gun bheil 'fianais ag èirigh' a' sealltainn gu bheil deuchainnean air cuid de dhaoine air nochdadh gu bheil an galar orra aig àmannan agus aig àmannan eile tha e a' sealltainn nach eil am bhìoras orra.

Tha HC-One, aig a bheil dachaigh-cùraim Home Farm, ag ràdh nach eil cùis ùr de Chovid-19 air a bhith aca airson 33 à, mus tàinig fios Didòmhnaich bhon deuchainn a chaidh a dhèanamh air an neach-obrach.

"Tha an neach-obrach aig an taigh agus tha deuchainnean gan dèanamh air an luchd-obrach agus an luchd-còmhnaidh air fad san dachaigh", thuirt iad.

Taic

Chaochail deichnear den luchd-còmhnaidh aig Home Farm le Covid-19 agus b'fheudar do NHS na Gàidhealtachd cuideachadh a thoirt dhan chompanaidh HC-One dham buin an dachaigh.

Tha èisteachd laghail a' dol fhathast a thaobh am bu chòir cead a bhith a'ruith na dachaigh fhàgail aig HC-One.

Thuirt Mgr Blackford gun robh e a' faireachdainn gun robh e cudromach gum biodh fios aig a' phoball mun a seo, ach tha e a' gabhail ris gu bheil obair a' dol airson smachd a chumail air a' ghalar taobh a-staigh Home Farm.

"Tha mi cinnteach gum bi a' choimhearsnachd airson an làn-thaic a thoirt dhan luchd-còmhnaidh, na teaghlaichean aca, agus an luchd-obrach aig àm a tha air a bhith fìor dhuilich" thuirt e.

Chaidh dearbhadh an toiseach gun robh an galar a' sgapadh aig Home Farm aig deireadh a' Ghiblein.

Cùram

Air a' mhìos 's a chaidh, dh'iarr Luchd-Sgrùdaidh a' Chùraim air siorram cead a thoirt bho HC-One an dachaigh a ruith.

Bha seo às dèidh dhaibh tadhal air an dachaigh gun fhiosta 's bha iomagan orra mun ìre de chùram a bha an luchd-còmhnaidh a' faighinn.

Ach an àite a bhith a' toirt a' chead bhuapa, chaidh iarraidh orra co-obrachadh le NHS na Gàidhealtachd.

Tha luchd-obrach an NHS air a bhith an sàs bhon uair sin ann a bhith a' ruith na dachaigh agus tha piseach air tighinn air an ìre de chùram.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd nach eil cùisean sam bith eile anns an Eilean Sgiathanach.