Seirbheis dhan Dr Hamish MacAonghais

  • Air fhoillseachadh
Hamish MacAonghaisTùs an deilbh, Final Ascent
Fo-thiotal an deilbh,

Bha an Dr Hamish MacAonghais fìor ainmeil ann an saoghal na sreapaireachd

Thill an Dr Hamish MacAonghais nach maireann a Ghleann Comhann aon uair eile madainn Dihaoine.

Chaidh a chiste a thoirt tron ghleann ro sheirbheis ann dha ann an Glaschu.

Chaochail an Dr MacAonghais na dhachaigh ann an Gleann Comhann air a' mhìos seo chaidh aig aois 90.

Rugadh e ann an Dùn Phris is Gall Ghàidhealaibh ach bha e a' fuireach ann an Gleann Comhann fad còrr is 60 bliadhna.

Uidheamachd

Bha an Dotair MacAonghais ainmeil mar shreapadair agus 'son mar a stèidhich e sgiobannan teasairginn, is mar a dhealbhaich e uidheamhachd sreap.

Sgrìobh e cuideachd leabhraichean mu shreapadaireachd.

Madainn Dihaoine, chaidh a chiste, le dà làmhag-deigh a dhealbhaich e fhèin oirre, a thoirt tro Ghleann Comhann.

Air an t-slighe, stad a' chiste aig Bùth Chofaidh far am biodh an Dr MacAonghais gu tric a' tadhal, aig ionad na sgioba-teasairginn, agus taobh a-muigh a dhachaigh.

Chaidh an corp an uair sin a thoirt a Ghlaschu far am bi seirbheis phrìbhideach ann.