Cathraiche ùr aig Caidreachas Croitearachd na h-Alba

  • Air fhoillseachadh
Dòmhnall MacFhionghain

Chaidh cathraiche ùr ainmeachadh air Caidreachas Croitearachd na h-Alba.

'S e Dòmhnall MacFhionghain a bhuineas do dh'Àrnol air taobh siar Leòdhais.

Bha e ron seo os cionn Chroitearan Òga an SCF fad iomadh bliadhna.

Bha Mgr MacFhionghain cuideachd na leas chathraiche air an SCF fhèin san dà bhliadhna mu dheireadh.

Dòmhnall aig na caoraich.

Thuirt e gu bheil bliadhna thrang ron bhuidhinn agus croitearachd san fharsaingeachd mar thoradh air Brexit gu sònraichte.

"Tha a bhith a' cur cùil ris an Aonadh Eòrpach, a' Mhargaidh Shingilte agus Aonadh nan Cusbainn a' dol a chruthachadh iomadh dùbhlan dhuinn", thuirt Dòmhnall MacFhionghain.

"Tha sgeama ùr shubsadaidhean ga dhealbh a thèid an àite taic Eòrpaich agus feumaidh croitearachd a bhith air a riochdachadh, gu h-àraidh a thaobh taic 'son sgìrean dùthchail.

"Tha e cho cudromach 's a ghabhas gun dèan croitearan strì còmhla airson ar còirichean a dhìon", thuirt e.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh