CnES a' faighinn £250,000 o Riaghaltas na h-Alba mu choinneimh ionnsaigh shaidhbeir 2023

- Air fhoillseachadh
Gheibh Comhairle nan Eilean Siar £250,000 o Riaghaltas na h-Alba mu choinneimh chosgaisean a thàinig orra ri linn ionnsaigh shaidhbeir mhòir ann an 2023.
Chaidh an naidheachd fhoillseachadh ann an aithisg bho Chomataidh Poileasaidh is Stòras na Comhairle a thuirt gun robh an obair airson na siostaman Teicneòlais Fhiosrachaidh aca ath-thogail an dèidh na h-ionnsaigh mòire saidhbeir a-niste an ìre mhath ullamh.
Thàinig siostaman IT na Comhairle fo ionnsaigh mhòir shaidhbeir air an t-7mh là den t-Samhain 2023.
Bha a' bhuidheann phoblach as motha sna h-Eileanan Siar san dorchadas, le siostaman coimpiutaireachd agus conaltraidh air a dhol sìos, taobh a-muigh, gun fhios dè chaidh a chall agus dè ghabhadh a chùmhnadh.
Thug seo buaidh air seirbheisean deatamach a bha daoine a' faighinn on Chomhairle, leithid sochairean sòisealta.
Thug e buaidh cuideachd air siostam dealbhachaidh na Comhairle, agus air siostam na Cìse-Comhairle.
Fhuair aithisg a dh'fhoillsich Comataidh Poileasaidh is Stòras na Comhairle Dimàirt gun do chosg an obair thuige seo £648,000 air cosgaisean leantainneach a thaobh a bhith a' leasachadh shiostaman, agus gun do chosg stòradh sgòtha £294,000.
Tha stòradh sgòtha a' toirt cothrom dàta na Comhairle a stòradh ann an cnapan beaga seach ann an aon àite, agus mar sin tha e nas duilghe ionnsaigh shaidhbeir a thoirt air.
Ged a chaidh na siostaman a thogail às ùr, tha cuid de sheirbheisean fhathast a' dèiligeadh ri obair a th' air càrnadh suas.
Cho-dhùin an aithisg gu bheil tèarainteachd shaidhbeir na Comhairle air a neartachadh, gun deach na siostaman a leasachadh, agus gu bheil mòran sheirbheisean a' cumail orra ag obair a dh'ionnsaigh seo.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh8 An t-Samhain 2024