Triùir san ospadal às dèidh tubaist-rathaid faisg air an Aghaidh Mhòir

- Air fhoillseachadh
Chaidh triùir a thoirt a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir às dèidh tubaiste le dà charbad air an A9 faisg air an Aghaidh Mhòir.
Thuirt Seirbheis Ambaileans na h-Alba gun d' fhuair iad fios mun tubaist mu 1:21f Dimàirt.
Chaidh gach taobh den A9 a dhùnadh eadar an Aghaidh Mhòr agus Ceann a' Ghiùthsaich an dèidh na tubaiste agus chaidh iarraidh air dràibhearan an sgìre a sheachnadh.