Cuid an Leòdhas ag ràdh gu bheil crònan a chluinneas iad gan cur droil

Lauren-Grace KirtleyTùs an deilbh, Lauren-Grace Kirtley
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Lauren-Grace Kirtley ag ràdh nach fhaigh i air cadal ceart air sgàth a' chrònain

  • Air fhoillseachadh

Tha cuid de luchd-còmhnaidh Leòdhais ag gearan mu fhuaim ìosal a tha iad a' cluinntinn a tha a' toirt droch bhuaidh air an slàinte.

Tha còrr is 250 duine air a dhol an sàs ann am buidheann ùr air Facebook a chaidh a stèidheachadh feuch am faighear a-mach cò às a tha an crònan a' tighinn.

'S e Lauren-Grace Kirtley a chuir air bhonn Hebridean Hum. Tha i a' fuireach ann an Aignis sa Rubha a tha "gu sìtheil sàmhach a' chuid as motha den ùine" ach nuair a bhios an fhuaim ann.

"Chan urrainn dhut gun feart a ghabhail dheth. Tha e coltach ri cuideigin faisg ort ag èigheach fad an t-siubhail airson d' aire a ghlacadh," thuirt i.

Tha Marcus Hazel-McGowan, a th' air a bhith ga rannsachadh a' cleachdadh a chuid eòlais le teicneòlas rèidio, ag ràdh: "'S e a' feuchainn ri faighinn a-mach cò às a tha e a' tighinn agus a bhith an dòchas nach tèid duine às an ciall buileach."

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gun d' fhuair iad aithrisean bho àireamh bheag de dh'eileanaich.

Thuirt neach-labhairt: "Tha sgioba slàinte na h-àrainneachd aig a' chomhairle a' sgrùdadh seo agus bidh iad a' conaltradh leothasan a chuir fios oirnn."

Stèisean Cumhachd Steòrnabhaigh Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh dearbhadh nach ann bho Stèisean Cumhachd Steòrnabhaigh a tha an fhuaim a' tighinn

Dh'innis Ms Kirtley do Good Morning Scotland air Radio Alba:"'S e crònanaich fann glè ìosal a th' ann a tha a' dèanamh cron chanainnsa agus a ghabhas tomhas."

Chaidh inneal spectograph a chleachdadh airson an àirde fuaime a thomhas agus chaidh a chlàradh aig 50 Hertz.

Tha Ms Kirtley ag ràdh gun robh an crònan ri chluinntinn air feadh Leòdhais, ged nach robh e cho àrd am meadhan an eilein agus nas làidire air an taobh sear.

"Cha do chadail mi fad na h-oidhche airson seachdainean agus tha e gam fhàgail le ceann goirt agus tuainealach," thuirt i.

A rèir aithris bhall na buidhne thòisich e sa Ghearran am-bliadhna ach tha an fhuaim air a dhol nas àirde, nas bitheanta agus nas cronail sna beagan sheachdainean a dh'fhalbh.

"Chan fhaigh thu air falbh bhuaithe"

Tha Mgr Hasel-McGowan, a ghluais dhan eilean airson na sàmhchair, airson faighinn a-mach dè a tha ag adhbharachadh na fuaime.

Thuirt e nach ann bho Stèisean Cumhachd SSEN ann an Steòrnabhagh a tha e a' tighinn agus chan eil e den bheachd gur e fuaim bho bhàtaichean a th' ann.

Chan eil an stèisean cumhachd ag obair ach aig amannan, agus 's e crònan cunbhalach a th' ann a reir an fheadhainn a tha ga chluinntinn.

Tha Mgr Hazel-McGowan air a cluinntinn agus dh'innis e do Good Morning Scotland: "Chan fhaigh thu air falbh bhuaithe."

Am measg nam beachdan a nochd daoine air an duilleig Facebook 's e crann telebhisein neo tinnitus, tinneas a tha ag adhbharachadh gu bheil fuaimean an cluasan dhaoine, as coireach.