Casg rè ùine air taraifean an uisge-bheatha

  • Air fhoillseachadh
Uigse-beathaTùs an deilbh, Getty Images

Thèid cur às do tharaifean Aimeireaganach air mac na braiche Albannach airson ceithir mìosan.

Dh'aontaich na Stàitean Aonaichte casg rè ùine a chur air taraifean air càise, cashmere agus innealan à Breatainn cuideachd.

Tachraidh seo is oidhirp gu bhith air a dèanamh thighinn gu aonta malairt co-cheangailte ri companaidhean togail phlèanaichean.

Tha dùil gun toir an gluasad togail dha eaconomaidh na h-Alba.

Call

Tha companaidhean uisge-bheatha ag ràdh gun do chaill iad leth-billean not bho chaidh na taraifean a chur an sàs bho chionn 17 mìosan.

Aig toiseach an Fhaoillich, chuir an Rìoghachd Aonaichte às do tharaifean air cuid de nithean às na Stàitean.

EU

Mairidh taraifean Aimeireaganach air gnothaichean às an EU.

Chuir Riaghaltas Bhreatainn agus Comann Uisge-beatha na h-Alba fàilte air an naidheachd.