Thugadh cead do thaighean ùra an Colbhasa
- Air fhoillseachadh

Chaidh ceum a ghabhail gus dèiligeadh ri gainnead dhachaighean ann an Eilean Cholbhasa.
Chaidh cead-dealbhachaidh a thoirt seachad airson naoi taighean ùra ann an Scalasaig.
'S e measgachadh de thaighean air màl agus taighean a ghabhas ceannach air prìs reusanta a bhios annta.
Faisg air làimh bidh dà ionad-gnìomhachais a fhuair cead na bu thràithe air a' bhliadhna.
Tha Companaidh Leasachaidh Coimhearsnachd Cholbhasa ag obair ann am com-pàirteachas le Urras Taigheadas Coimhearsnachd air an leasachadh a thathas an dùil a chosgas corr is £3.5m.
Thuirt àrd-oifigear an urrais, Ronnie MacRath, gur e taighean aig àrd ìre a bhios annta a bhios math air teas a chumail.
A rèir Mhgr MhicRath tha bliadhnaichean bho chaidh taigheadas air prìs reusanta a thogail san eilean.
Tha mòran dhe na taighean a th' ann air an cleachdadh mar dhàrna dachaigh neo mar àite-còmhnaidh do luchd-turais.
Le a bhith a' togail thaighean ùra air prìs reusanta tha dòchas ann gum faigh muinntir an àite agus daoine a tha airson tilleadh cothrom air dachaigh fhaighinn san eilean.