£208,000 do phròiseactan Gàidhlig

- Air fhoillseachadh
Dh'fhoillsich Bòrd na Gàidhlig còrr is £208,000 do 48 pròiseact Gàidhlig mar phàirt den sgeama Taic Freumhan Coimhearsnachd.
'S e Taic Freumhan Coimhearsnachd prìomh mhaoin a' Bhùird airson taic a chumail ri buidhnean coimhearsnachd ann a bhith a' lìbhrigeadh phròiseactan a bhios a' cur air adhart cleachdadh is ionnsachadh na Gàidhlig aig ìre na coimhearsnachd.
A bharrachd air na 48 pròiseactan a gheibh buannachd bhon sgeama am-bliadhna, tha 30 pròiseact a fhuair taic fad dà bhliadhna an-uiridh a tha fhathast a' ruith.
Ged a chaidh còrr is £400,000 de thaic a shireadh tro sgeama na bliadhna seo, cha robh ach £208,000 aig Bòrd na Gàidhlig ri thoirt seachad.
Pròiseactan
Tha na pròiseactan a fhuair taic stèidhichte ann an deich sgìrean comhairle air feadh Alba.
Anns na h-Eileanan Siar fhuair Comann Eachdraidh Èirisgeigh £7,250 'son pròiseict a chlàradh seann chleachdaidhean agus bàrdachd.
Air Ghàidhealtachd, fhuair Urras Coimhearsnachd a' Chaoil is Loch Aillse £7,250 'son a' phròiseict aca Sgeul Agus Seanchas As Ùr.
Ann an Glaschu fhuair Urras Coimhearsnachd Amaran Cnoc a' Ghobhainn £10,000 airson pròiseact a' coimhead ri 100 bliadhna de dh'inimreachas.
Ann an Earra-Ghàidheal fhuair a' bhuidheann CHARTS £7,000 airson pròiseict Ceanglan Chaluim Chille.
Coimhearsnachdan
Thuirt Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig, Màiri NicAonghais: "Tha cleachdadh na Gàidhlig aig ìre na coimhearsnachd aig cridhe Plana Nàiseanta na Gàidhlig 2023-28 agus na phrìomh fhòcas aig Bòrd na Gàidhlig.
"Tha sinn glè thoilichte taic a chumail ris na pròiseactan seo, a thogas air an amas sin, tron mhaoin Taic Freumhan Coimhearsnachd aig àm far a bheil taic do bhuidhnean coimhearsnachd agus luchd-labhairt na Gàidhlig cho cudromach is a bha e riamh.
"'S ann le bhith a' cumail taic ri ar choimhearsnachdan a bhios a' bhuaidh as motha againn mar bhuidheann gus cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh agus ar cànan is ar cultar a dhìon do luchd-labhairt na Gàidhlig agus don ath ghinealach cuideachd."
Tha fiosrachadh mionaideach mu na buidhnean uile a fhuair taic an seo., taobh a-muigh