A' cuimhneachadh air Iain MacCaluim, Bàrd Taobh Loch Èite

Iain MacCaluimTùs an deilbh, Val NicPhàrlain
  • Air fhoillseachadh

Chaidh an dìleab a dh'fhàg Bàrd Taobh Loch Èite a chomharrachadh ann an Òraid Cuimhneachaidh Iain Mhic Phàrlain.

B' e Iain MacCaluim seanair Iain MhicPhàrlain.

Rugadh am bàrd ann an 1851 agus thogadh e ann an sgìre Mhuc Càrna (a tha an-diugh aithnichte mar Thaigh an Uillt).

Bha òige caran dùbhlannach aige, ach leis gun robh e na dheagh oileanach fhuair e cothrom air obair sna poilis an Glaschu.

B' e an Dtr Dòmhnall UIlleam Stiùbhart, a tha na òraidiche aig Sabhal Mòr Ostaig, a thug seachad an dàrna Òraid Cuimhneachaidh Iain MhicPhàrlain.

Thuirt e: "Chaidh a thogail gu ìre ann am bochdainn ach feumaidh gun robh e math san sgoil agus gun robh daoine ag aithneachadh gun robh rudeigin sònraichte mu dheidhinn."

Iain MacCaluimTùs an deilbh, Val NicPhàrlain

Thòisich e a' sgrìobhadh sìos òrain a chuala e ann an sgìre àrach, cuid a bha aithnichte, ach cuid eile a bha, is coltach, mar-thà gan dìochuimneachadh.

Bha e cuideachd na fhear-iomairt na Gàidhlig.

Thuirt an Dr Stiùbhart: "Tha òraid againn a thug e seachad sa bheil e a' dèanamh gu math soilleir gu bheil cus dhaoine bhon taobh a-muigh a' cur sìos a' chiùil dha na còisirean ach feumaidh na Gàidheil an obair sin a ghabhail os làimh."

Choisinn Iain MacCaluim duaisean aig mòdan agus dh'fhàs e gu bhith na bhritheamh aca.

Bha Iain cuideachd na stiùiriche air Comann an Òbain agus Latharna agus bha e gu mòr an sàs ann an Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu.

Iain MacCaluim le Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu.Tùs an deilbh, Val NicPhàrlain
Fo-thiotal an deilbh,

Iain MacCaluim le Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu.

Tha am beul-aithrisiche, Fiona NicDhùghaill, a' dèanamh rannsachaidh air obair a' bhàird.

Thuirt i: "Cha robh fios agam gun robh Iain air duaisean a chosnadh le a chuid bàrdachd agus na h-òrain.

"Bu chòir gum bi fios aig barrachd dhaoine mu dheidhinn Iain MhicCaluim."

Tha na làmh-sgrìobhainnean aige ann an Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.

Am measg nan òran a rinn e tha "Latharna nan Gleann", òran a tha a' cur bòidhchead na sgìre an cèill.

Bidh 100 bliadhna ann an ath-bhliadhna bhon a chaochaill e.