Aiseagan Uibhist: Carson sinne daonnan?

Soidhne bho 2023 is muinntir Uibhist a' togail fianais mu shuidheachadh nan aiseagan. Tha mì-thoileachas a' sìor leantainn
- Air fhoillseachadh
Tha teans nach do sheòl Mario Balotelli a-riamh eadar Malaig is Loch Baghasdail.
Fiù 's ged a bhiodh an t-Eadailteach air tadhal air taobh siar na Gàidhealtachd, chan ann tric a tha aiseag a' dol eadar Malaig is Uibhist a Deas na làithean seo co-dhiù.
Ach nam biodh Mario còir air Loch Baghasdail a ruighinn, 's dòcha gum biodh an cluicheadair ball-coise connspaideach air fàilte is co-fhaireachdainn fhaighinn bho mhuinntir an àite ris nach biodh e an dùil.
Nach eil cuimhne agaibh air an lèine-t aige? Why Always Me?
Faclan a tha a' cur an cèill gu snasail mar a tha gu leòr ann an Uibhist a Deas a' faireachdainn mu sheirbheisean aiseig, agus faclan a tha aig cridhe na coinneimh èiginn a bhios ann an Dalabrog Dimàirt.
Carson sinne daonnan?

Cha robh còir aige a bhith mar seo.
Chaidh gàirdeachas a dhèanamh an 2013 nuair a dh'aontaich Riaghaltas na h-Alba sgeama pileat a chur air dòigh le aiseag eadar Malaig agus Loch Baghasdail.
Ged a bha draghan sa choimhearsnachd gum biodh an sgeama a' ruith tron gheamhradh - draghan a thàinig gu buil is an t-aiseag tric dheth - thàinig dearbhadh ann an 2016 gum biodh seirbheis leantainneach ann.
Thug seo gu ceann iomairt mhòr a rinn a' choimhearsnachd is Stòras Uibhist air ath-stèidheachadh seirbheis a stad anns na 1990an a chomharrachadh mar phrìomhachas.
No bha còir aige an iomairt a thoirt gu ceann.
Shona NicDhòmhnaill ag aithris sa Mhàrt 2016 is an t-seirbheis leantainneach eadar Loch Baghasdail is Malaig a' tòiseachadh
'S dòcha gur e samhla a bh' ann nach do rinn an Lord of the Isles an gnothach air a' chlàr-ama air a' chiad là den t-saoghal ùr is i a' tilleadh a Loch Baghasdail às an Òban seach Malaig.
'S iomadh duilgheadas a bh' ann bhon uair sin is an t-aiseag tric dheth no an t-seirbheis na tàmh gu tur.
Ràinig gnothaichean àird na teasaich as t-samhradh 2023 is CalMac a' tarraing na seirbheis gu deireadh an Ògmhios.
'S e as coireach gun robh bàtaichean gan gluasad air sgàth thrioblaidean ann am pàirtean eile den lìonra - rud a bha is tha na h-Uibhistich a' faireachdainn a tha a' bualadh orrasan ro thric.
Bho thaobh ChalMac dheth bha ceanglaichean aiseig eile ann do dhaoine ann an Uibhist a Deas gus faighinn gu tìr-mòr, rud nach robh fìor dhan a h-uile eilean.
Bha muinntir an àite ga fhaicinn bho shealladh eile: Carson sinne daonnan?
Chaidh fianais a thogail an dà chuid an Loch Baghasdail agus an Glaschu is daoine an uairsin a' cur cheistean air ceannard ChalMac Robbie Drummond air an t-sràid is e a' tadhal air Uibhist a Deas.

Robbie Drummond a' bruidhinn ris an t-sluagh an Uibhist
Gheall Mgr Drummond ath-sgrùdadh air dòigh-obrach ChalMac nuair a tha beàrn san lìonra - am matrix ainmeil - le dòchas gum fàgadh seo gum biodh "am pian air a sgaoileadh" eadar coimhearsnachdan.
Ach ged nach do mhair an Druimeanach fhèin san obair, tha muinntir Uibhist a Deas goirt fhathast mun t-seirbheis a tha iad a' faighinn.
Anns na mìosan mu dheireadh cha robh seirbheis idir ann eadar Malaig is Loch Baghasdail is dìreach 45 àite air bòrd an aiseig gu ruige an Òbain a tha na h-àite.
Seo is àireamhan air an Isle of Mull air an cuingealachadh.
Chuir an suidheachadh seo an caothach air na Barraich mus do thill an Isle of Lewis bho chionn ghoirid eadar an t-Òban is Bàgh a' Chaisteil.
Cha robh faochadh ann dha na h-Ùibhistich is an Isle of Mull a' frithealadh air Loch Baghasdail chun a' 15mh den Chèitean.
Ged a bhios fàilte air LOTI nuair a thilleas i, tha daoine gu math mothachail gu bheil i a' fàs aosta.
Ged a tha CMAL ag ràdh gu bheil bàta ùr na prìomhachas dhaibh, chan eil maoineachadh ann aig an ìre seo. A thuilleadh air sin, tha pròiseact gus cidhe ùr a thogail aig Gàsaigh ann an Loch Baghasdail fhathast aig ìre ullachaidh.
Annabel NicIllinein ag aithris is fianais ga togail an Glaschu as t-Samhradh 2023 mu sheirbheisean aiseig Uibhist
'S beag an t-iongnadh, chanadh gu leòr, gu bheil cathraiche còmdhail Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil daoine air misneachd a chall san t-seirbheis eadar Malaig is Loch Baghasdail.
'S e an dìth misneachd is cion earbsa sin a dh'fhàg gun do chuir Buidheann Buaidhe Ghnothachais Uibhist a Deas coinneamh èiginn na seachdain seo aig Cnoc Soilleir air dòigh.
'S e seo na puingean a chuir iad aig cridhe na coinneimh:
Seirbheis aiseig nas fheàrr tron Ghiblean is an Cèitean le àite ann do barrachd na 45 duine
Aiseag ùr do dh'Uibhist a Deas
Cidhe ùr do dh'Uibhist a Deas
Taic-airgid do ghnothachasan gus am bi iad deiseil "nuair a thèid seirbheisean còmhdhail earbsach ath-stèidheachadh"
Tha a' bhuidheann iomairt ag ràdh gu bheil Uibhist a Deas a' soirbheachadh ann an iomadh roinn a dh'aindeoin cho truagh 's a tha seirbheisean aiseig.
Thuirt John Daniel Peteranna bhon bhuidhinn gun cuireadh cinnt mu chidhe is aiseag ùr spionnadh às ùr san t-sluagh.
Chan eil muinntir Uibhist a Deas ag iarraidh, tha e ag ràdh, ach cothrom na Fèinne.
Bidh riochdairean bho 30 de na companaidhean as motha a tha a' cumail cosnaidh ri daoine an Uibhist aig a' choinneimh.
Còmhla riutha Dimàirt bidh Rùnaire na Còmhdhail, Fiona Hyslop BPA, BPA nan Eilean Siar Alasdair Allan, BP nan Eilean Siar Torcuil Crichton agus Jackie Baillie BPA.
Cuideachd ann bidh Ceannard Aiseagan Còmhdhail Alba, Chris Wilcox, dithis stiùirichean HIE agus Àrd-oifigear Comhairle nan Eilean Siar, Malcolm Burr.
A dh'aindeoin iarrtais bho BhP nan Eilean, cha bhi cathraiche bhòrd ChalMac Erik Østergaard an làthair, air neo àrd-oifigear na companaidh, Donnchadh Mackison.
"Tha sinn ag aithneachadh gu bheil na dùbhlain againn le cabhlach nan soithichean mòra air troimh-chèile adhbharachadh air grunn shlighean, gu h-àraidh an Uibhist a Deas", thuirt labhraiche bho ChalMac.
"Cha d' fhuair sinn cuireadh bho thùs, ach mar chompanaidh nan seirbheisean bha sinn den bheachd gun robh e cudromach dhuinn barrachd ionnsachadh agus mar sin bidh Àrd-oifigear nan Seirbheisean, Ceannard nan Seirbheisean agus am Manaidsear Ionadail uile an làthair".
'S e a chluinneas iad fhèin is na riochdairean poilitigeach ach fòghnaidh na dh'fhòghnas bho choimhearsnachd a tha a' faireachdainn gu bheil iad air fulang ro thric is ro mhinig is a tha a-nise a' sireadh ghealltanasan cinnteach mun t-slighe air adhart.
Cha dèan "carson sinne daonnan" a' chùis tuilleadh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh12 An Cèitean 2022
- Air fhoillseachadh17 Am Màrt 2022
- Air fhoillseachadh19 Am Màrt