Maoineachadh 'son bàt'-aiseig an àite an Lord of the Isles
Rùnaire na Còmhdhail, Fiona Hyslop
- Air fhoillseachadh
Thuirt Rùnaire na Còmhdhail, Fiona Hyslop, gum bi maoineachadh ann 'son bàta an àite an Lord of the Isles aig 'coinneimh èiginn' mu aiseagan.
Tha dùil gun toir e trì bliadhna airson am maoineachadh sin a thoirt gu buil.
Gheall i cuideachd gun tèid coimhead ri leasachadh a dhèanamh air cìdhe Ghàsaigh.
Tha Rùnaire na Còmhdhail an sàs ann an coinneimh èiginnich a dh'iarr muinntir Uibhist a Deas mu shuidheachadh nan aiseagan.
Thuirt an Rùnaire: "Cuimhnich gum bi sia soithichean ùra a' tighinn a-steach thairis air a' bhliadhna a tha romhainn, sin a' gabhail a-steach an Glen Sannox a tha mar-thà ann an seirbheis, mar sin 's e deagh naidheachd a tha sin.

"Tha mi cuideachd air a bhith comasach air innse dhan choimhearsnachd gum faodadh am bàta a bhios a' dol an àite an Lord of the Isles a dhol a-mach gu tairgse, tha maoineachadh airson sin ann am buidseat na h-Alba ann an 2025-26.
"Agus tha sinn cuideachd a' dol a dh'fhaicinn na h-obrach 'son Cidhe Ghàsaigh a leasachadh, le obair-sgrùdaidh air an làraich a' toiseachadh am-bliadhna.
"Mar sin, 's e plana a tha a seo a' cur taic gu sònraichte ri Uibhist a Deas, a' gabhail a-steach shoithichean agus bun-structar.
"Agus bidh a' mhaoin-airgid ghnothachasan gu deimhinn a' cumail taic ri Uibhist a Deas, ach bidh e cuideachd ag amas air taic a thoirt do choimhearsnachdan eile a tha air an aon sheòrsa buaidh fhulaing," thuirt i.

'S e luchd-gnothachais Uibhist a Deas a ghairm a' choinneamh ann an Dalabrog
Tha luchd-gnothachais ag ràdh gu bheil iad air a bhith a' fulang fad bhliadhnaichean de chall agus droch chliù ri linn fàiligeadh Riaghaltas na h-Alba goireasan còmhdhail ceart a chumail ris na h-eileanan.
Chan eil a' dol às an sin gu tìr-mòr an-dràsta ach bàta a bheir dìreach 45 luchd-siubhhail. Tha riochdairean bho 30 de na companaidhean as motha a tha a' cumail cosnaidh ri daoine an Uibhist aig a' choinneimh aig Cnoc Soilleir Dimàirt.
Tha tòrr ghnothachasan air a bhith ag innse mun bhuaidh a tha staing na seirbheis a' toirt orra.
Thuirt feadhainn a tha a' ruith thaighean-òsta gu bheil iad a' call-a-mach aig a' mhionaid mu dheireadh ri linn daoine a tha a' cur nan tursan aca dheth anmoch.
Tha luchd-gnothachais ag ràdh gu bheil iad air a bhith a' fulang fad bhliadhnaichean ri linn fàiligeadh Riaghaltas na h-Alba
Tha riochdairean bho gnothachasan èisg air a ràdh gum feum iad a dhol tro aiseag Bharraigh, agus tha cuid eile ag ràdh nach urrainn dhaibh a dhol gu tìr-mòr idir leis cho fada 's a tha na h-aiseagan a tha a' dol an-dràsta a' toirt.
Thuirt companaidhean eile nach urrainn dhaibh daoine fhastadh leis a' mhì-chinnt a th' ann, le aon riochdaire bho thaigh-staile ann an Uibhist ag ràdh gu bheil an sluagh air earbsa a chall.
Chaidh moladh a chur air adhart aig a' choinneimh cuideachd gur e muinntir nan eilean a bu chòir a bhith air bòrd-stiùiridh ChalMac.
Thuirt CalMac gu bheil iad a' beachdachadh gu làidir air na h-uairean obrach air seirbheis Chaolas Bharraigh a leudachadh tràth sa mhadainn agus nas anmoiche feasgar airson barrachd chomasan a thoirt do sheirbheisean a-mach is a-steach a Bhàgh a' Chaisteil.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadhBho chionn 1 latha