Àireamhan eun-mara a' sìor chrìonadh ach cuid de ghnèithean a' dol nas fheàrr

Ruideag dhubh-chasach air itealTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an ruideag dhubh-chasach am measg nan gnèithean air an tàinig àrdachadh

  • Air fhoillseachadh

Sheall an rannsachadh as ùire gun tàinig lùghdachadh uair eile air na tha de dh'eòin-mhara an Alba.

Fhuair na figearan bhon sgrùdadh a rinn NàdarAlba ge-tà gu bheil cùisean a' coimhead beagan nas dòchasaiche do chuid de ghnèithean.

Tha 24 diofar sheòrsaichean eun-mara a' briodadh an Alba agus sheall am measadh a rinneadh air 11 dhiubh sin gun tàinig crìonadh air a h-uile gnè agus gun robh lùghdachadh 48% ann uile gu lèir.

'S e am fasgadair-Artach a bu mhotha air an tàinig crìonadh agus 83% nas lugha dhiubh ann an-diugh na bha ann an 1986 nuair a thòisich na sgrùdaidhean gu cunbhalach.

Fasgadair-ArtachTùs an deilbh, NàdarAlba
Fo-thiotal an deilbh,

'S e am fasgadair-Artach a dh'fhuiling an crìonadh a bu mhotha on thòisich sgrùdaidhean bho chionn faisg air 40 bliadhna

Tha beachd ann gur e gainnead de na sanndagan a bhios iad ag ithe a' toirt buaidh air àireamhan a bharrachd air na h-ionnsaighean a bhios fasgadairean-mòra a' toirt orra.

Chaidh na b' fheàrr do thrì gnèithean eile ge-tà.

Eadar 2013 and 2023 thàinig àrdachadh air na tha den ruideag dhubh-chasach, an sgarbh mòr agus an gearradh-glas.

Trì buthaidean Tùs an deilbh, NàdarAlba
Fo-thiotal an deilbh,

A rèir nan àireamhan as ùire, bha nas lugha de dh'iseanan buthaid ann

Tha toradh sgrùdaidh 2023 a' sealltainn gun robh an àireamh iseanan a thàinig beò mu 75% nas lugha na chaidh a chlàradh an 1986.

A-mach às an 12 gnè air an do rinneadh measadh bha ceithir ann a rinn na b' fheàrr na an àbhaist: am fasgadair-Artach, an ruideag dhubh-chasach, an sgarbh-mòr agus an stearnag-bheag

Bha còig gnèithean aig nach robh seusan briodaidh cho math: a' bhuthaid, an steàrnag-choitcheann, eun-dubh an sgadain, am fulmair agus an sùlaire.

Steàrnag-bheag agus a h-iseananTùs an deilbh, NàdarAlba
Fo-thiotal an deilbh,

Thàinig barrachd de dh'iseanan nan steàrnagan-beaga beò an taca ris an sgrùdadh mu dheireadh

Thuirt Simon Foster, bho NàdarAlba gu bheil: "eòin-mhara na h-Alba cudromach aig ìre eadar-nàiseanta, agus tha iad a' tàladh nam miltean de dhaoine gu ar cladaichean a h-uile bliadhna".

"Tha na tha de bhiadh dhaibh, atharrachadh na gnàth-shìde, iasgach, creachadh, agus buaidh ghnèithean nach eil dùthchasach uile a' cur ris a' chrìonadh.

"Dh'fhaodadh gum bi cunnart a bharrachd dhaibh an cois leasachaidhean mar thuathanasan-gaoithe aig muir," thuirt e.

Tha NàdarAlba agus Riaghaltas na h-Alba air plana-gnìomha airson eòin-mhara na dùthcha a dhìon a dhealbh.