Staing na Gàidhlig: "cha deach gu leòr adhartais a dhèanamh"
- Air fhoillseachadh

Tha an fheadhainn air cùl an leabhair The Gaelic Crisis in the Vernacular Community ag ràdh nach deach mòran adhartais a dhèanamh bho nochd e.
Tha bliadhna ann Dihaoine bho chaidh an leabhar fhoillseachadh.
Cho-dhùin an leabhar gu bheil a' Ghàidhlig ri uchd bàis mar chànan na coimhearsnachd anns na sgìrean dùthchasach eileanach agus gu bheil atharrachadh poileasaidh mòr a dhìth airson sin a chur ceart.
A rèir ùghdarran an leabhair, dh'atharraich e an deasbad mun Ghàidhlig agus iad a' cumail a-mach gu bheil tuigse nas fheàrr ann a-nis air an t-suidheachadh anns na h-eileanan.
Tha iad ag ràdh gu bheil fios fada nas fheàrr ann air na feumalachan leasachaidh aig na coimhearsnachdan agus air an ro-innleachd a tha a dhìth.
Thuirt iad gu bheil e bunaiteach gun tèid smachd a chur ann an làmhan nan coimhearsnachdan fhèin.
Mhol an leabhar bho thùs gum biodh urras ùr Gàidhlig ann aig ìre na coimhearsnachd.
Ach ged a chuir an luchd-rannsachaidh fàilte air co-chomhairle a bh' ann sa bhliadhna mu dheireadh aig ìre na coimhearsnachd - is iad a' cumail a-mach gun do sheall a' cho-chomhairle sin gu bheil muinntir nan eilean ag aontachadh ri toraidhean an rannsachaidh - tha iad ag ràdh nach deach adhartas gu leòr a dhèanamh idir.
Ro-innleachd
Thuirt iad gur e "co-chomhairleachadh às aonais adhartais" a th' air a bhith ann.
"Tha sinn fhèin a' dèanamh a-mach nach eil na poileasaidhean a tha an-dràsta againn a' dèiligeadh mar as ceart ri ìre na staing a th' ann anns na coimhearsnachdan dùthchasach Gàidhlig anns na h-eileanan", thuirt priòmh ùghdar an leabhair, an t-Oll. Conchúr Ò Giollagàin.
"Aig àm staing, feumar dèiligeadh ri prìomhachasan. A' coimhead air ais air a' bhliadhna a chaidh seachad, chaidh tòrr cho-chomhairleachadh a chur air dòigh, ach cha deach gu leòr adhartais a dhèanamh", thuirt e.
Tha an t-Oll. Ò Giollagàin ag ràdh gu bheil iad airson an ceann-bliadhna a chleachdadh mar dhòigh air an deasbad a thòiseachadh às ùr is ro-innleachd ùr a stèidheachadh leis a' choimhearsnachd aig cridhe ghnothaichean, còmhla ri luchd-poileataigs, luchd-poileasaidh is acadaimigich.
Tha e a' cumail a-mach nach eil cuid deònach aideachadh gu bheil fìor staing ann.
"A' phuing sin, nach eil luchd-poileataigs is luchd-oifigeil na Gàidhlig ag aideachadh: ìre na staing.
"Tha e soilleir, tha poileasaidhean na Gàidhlig math gu leòr airson cùisean foghlaim, cùisean nam meadhanan, cùisean nan ealan is mar sin.
"Chan eil e math gu leòr airson taic a chumail ri coimhearsnachd dhùthchasach na Gàidhlig", thuirt e.
Connspaid
Tha an deasbad timcheall air an leabhar air a bhith connspaideach aig amanann sa bhliadhna mu dheireadh.
Anns na làithean mu dheireadh, bha deasbad air na meadhanan-sòisealta timcheall air inbhe shònraichte dha Gàidheil is cuid den bheachd gu bheil an gnothach air sgaraidhean adhbharachadh.
Thuirt an t-Oll. Ò Giollagàin gur e poileasaidh a th' aig cridhe na cùise.
"An fheadhainn seo a tha a' bruidhinn air sgaraidhean, a bheil iadsan ag amas air gach suidheachadh agus gach co-theacsa?
"Math gu leòr tha luchd-bruidhinn na Gàidhlig ann agus tha iad ann an sgìrean eadar-dhealaichte air feadh na h-Alba.
"Tha sin math gu leòr agus bu chòir spèis agus ùidh a shealltainn annta air fad, ach tha co-theacsan eadar-dhealaichte ann agus far a bheil co-theacs eadar-dhealaichte, tha feum ri dòighean-obrach sònraichte anns na co-theacsan sin.
"Chan e na h-aon poileasaidhean a bhios freagarrach ann an Leòdhas 's a bhios freagarrach ann an Dùn Èideann", thuirt e.
Dh'iarr am BBC beachd bho Bhòrd na Gàidhlig air na thuirt an t-Oll. Ò Giollagàin.
"Tha Bòrd na Gàidhlig an còmhnaidh deònach pàirt a ghabhail ann an còmhraidhean mu dheidhinn a' chànain", thuirt neach-labhairt bhon bhuidheann.
"Sa bhliadhna mu dheireadh tha sinn air a bhith a' bruidhinn ri tòrr choimhearsnachdan agus a' gabhail pàirt ann an coinneamhan airson beachdachadh air na dòighean as fheàrr air a' Ghàidhlig a neartachadh air feadh Alba."
"Tha sinn cuideachd air taic-airgid a chumail ri buidhnean Gàidhlig agus air obraichean ùra a chruthachadh as na h-Eileanan an Iar. Bidh na beachdan a tha sinn a' cluinntinn mar phàirt dhen deasbad timcheall an ath Phlana Nàiseanta airson na Gàidhlig."