Craic, cèilidhean agus cothroman gu leòr air iomall Mòd Loch Abair

Chaidh na bhios a' dol air iomall Mòd 2025 fhoillseachadh sa Chorpaich
- Air fhoillseachadh
Chaidh iomall a' Mhòid Nàiseanta Rìoghail a bhios ann an Loch Abar am-bliadhna fhoillseachadh Dimàirt.
A bharrachd air na farpaisean tha gu leòr gu bhith a' dol san sgìre do luchd-frithealaidh prìomh fhèis na Gàidhlig.
Fosglaidh am Mòd Dihaoine an 10mh den Dàmhair le caismeachd lòchrannach tron Ghearasdan agus cuirm mhòr ann an Ionad Nibheis leis a' chòmhlan ionadail Dàimh air an àrd-ùrlar.
Leanaidh an ceòl Disathairne nuair a thig còmhlain-pìoba na sgìre, còisirean agus dannsairean cruinn airson Ar Cànan 's Ar Ceòl.
Gach là bidh tachartas air Àrd-ùrlar an Teanta, nam measg dùbhlan seinn far am bi daoine a' gabhail an òrain as fheàrr leotha.
Nì britheamhan falaichte am measg an luchd-èisteachd measadh air na seinneadairean a bhios treun gu leòr.
Mòd an Òbain 2024
Tha Sruth a' toirt cothrom do luchd-labhairt òga na Gàidhlig coinneachadh ri Gàidheil ainmeil.
Am-bliadhna, tha An Comunn Gàidhealach ag obair an co-bhann le BBC Alba agus gheibh an òigridh cothrom sgilean camara ionnsachadh is eòlas a chur air na bhios a' dol air cùl ghnothaichean ann an telebhisean.
Bidh iomain, ball-coise agus spòrs eile air a' chlàr-ama agus bidh cothrom aig daoine blasadh air cuid den bhiadh agus deòch as fheàrr ann an Loch Abar.
Dùinidh am Mòd le dannsa mòr Dihaoine an 17mh den Dàmhair agus le na ceudan bho na coisirean uile cruinn am meadhan a' Ghearasdain an ath-mhadainn.
Thuirt Seumas Greumach, Àrd-oifigear a' Chomuinn Ghàidhealaich: "Le fàs àireamhan luchd-labhairt òga agus taic às ùr sa Phàrlamaid dhan chànan, tha dùil againn gu bheil a' Ghàidhlig air deagh shlighe.
"Tha àite riatanach aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann a bhith a' riochdachadh agus a' brosnachadh cultar na Gàidhlig agus e a' samhlachadh na bòidheachd is nan ceangalan anns a' chànan."