Troimh chèile do lìonra ChalMac

MV AlfredTùs an deilbh, PENTLAND FERRIES
  • Air fhoillseachadh

Nì CalMac atharrachaidhean leis an lìonra aca eadar an 7mh agus an 21mh den Iuchar is obair riatanach a dhìth air an MV Alfred, a bhios air an t-slighe eadar an Truthail agus Tràigh a' Chaisteil.

Cha bhi an MV Caledonian Isles ann an seirbheis aig an àm seo nas motha agus bidh an MV Lord of the Isles, a tha còir a bhith a' dol eadar Malaig agus an t-Òban is Loch Baghasdail, air falbh airson obair air nach gabh maill a chur, a rèir ChalMac, eadar an 9mh agus an 11mh den Iuchar.

Bidh am plana ùr aig CalMac a' ciallachadh gun tèid Arainn a fhrithealadh an dà chuid à Àird Rosain agus an Truthail, leis an MV Isle of Arran a' dèanamh còig tursan san là air ais agus air adhart à Àird Rosain - ach a-mhàin eadar an 9mh agus an 11mh nuair a bhios i an urra ri grunn sheòlaidhean ann an Arainn agus Ìle.

Thèid clàr-ama a' Ghlen Sannox atharrachadh an Arainn cuideachd.

Bidh Ìle air a fhrithealadh leis an MV Finlaggan agus an MV Lord of the Isles tron àm seo, ach a-mhàin eadar an 9mh agus an 11mh den Iuchar.

Nì an MV Isle of Arran cuid de sheirbheisean an MV Lord of the Isles an uair sin.

Bidh seirbheis nas lugha aig Muile bhon MV Coruisk agus an MV Loch Frisa.

Tha an MV Coruisk an àite an MV Isle of Mull, a nì seirbheis làitheil a dh'Uibhist a Deas bhon Òban.

Nuair a bhios e comasach, stadaidh an MV Isle of Mull ann am Muile airson cuideachadh le seirbheisean an sin is i air slighe Uibhist.

Dh'aidich CalMac gum fàg na h-atharrachaidhean seo cùisean troimh chèile, ach thuirt a' chompanaidh gun dèan iad an dìcheall seirbheisean a chumail aig ìre.