Fearg sna Hearadh mu sheirbheisean aiseig

  • Air fhoillseachadh
An Tairbeart
Fo-thiotal an deilbh,

Tha seòlaidhean dhan Tairbeart air an cur dheth Diardaoin agus Dihaoine.

Nochd mì-thoileachas anns na Hearadh gu bheil iadsan a' call a-mach ri linn thrioblaidean eile le bàtaichean-aiseig aig Caledonian Mac a' Bhruthainn.

Tha an Lord of the Isles, a bhios a' seòladh eadar Malaig agus Loch Baghasdail agus Malaig agus Armadail, ga càradh ri linn trioblaid le proipeilear.

Tha atharrachadh air an t-seirbheis eadar an Taibeart agus Ùige an Eilein Sgitheanaich airson seirbheis a chumail ri Uibhist eadar Ùige is Loch nam Madadh.

Ach tha sin a' ciallachadh gu bheil seòlaidhean dhan Tairbeart air an cur dheth Diardaoin agus Dihaoine.

Chaidh seòladh a bharrachd a chur air doigh eadar Steòrnabhagh agus Ullapul do luchd-siubhail taobh na Hearadh.

Buaidh

Tha Coinneach MacLeòid aig Fòram na Hearadh ag ràdh nach eil tuigse aig CalMac air a' bhuaidh a tha aig sin air daoine.

"Tha sinn an teas mheadhain an t-samhraidh agus an t-àm as trainge den bhliadhna dhuinn agus tha sinn mar-thà gann de dh'àitichean air a' bhàta-aiseig thoradh Covid", thuirt e.

"Tha sinn gann de 18 àitichean a h-uile seòladh air shailleibh sin.

Tha am Fòram co-dhiù air a bhith ag iarraidh bàta air leth air slìghe an Tairbeairt.

"Tha truas mòr againn ri muinntir Uibhist agus cho tric is a tha iadsan a' fulang.

"Ach chan eil an Riaghaltas ag èisteachd rinn agus chan eil iad air a bhith ag èisteachd fad bhliadhnaichean.

"Nam biodh barrachd bhàtaichean aca chan bhiodh duilgheadas ann", thuirt e.

Thuirt CalMac gu bheil an Lord of the Isles ann an Ceann na Creige far an tèid obair a dhèanamh air a proipeilear.

Thathas an dòchas gum bi i air ais air an t-seirbheis eadar Malaig is Loch Baghasdail air an deireadh-sheachdain.

Dh'innis iad gum bi barrachd sheòlaidhean eadar Ulapul 's Steòrnabhagh agus eadar Uìge 's Loch nan Madadh san eadar-ama.