Northland a' rannsachadh buaidh Spiorad na Mara

Cladach thaobh siar Leòdhais
  • Air fhoillseachadh

Tha Northland Power air innse gum bi buaidh Tuath-gaoithe Spiorad na Mara air turasachd mar phàirt de rannsachadh a nì iad mus tèid cead-dealbhachaidh iarraidh.

A' freagairt cheistean a thàinig bho choinneamh Comhairle Choimhearsneachd Shiaboist, thuirt a' chompanaidh air cùlaibh nam planaichean gum biodh iad a' rannsachadh buaidh còrr is 60 crann-gaoithe far chosta an iar Leòdhais.

Thuirt Northland gum beachdaicheadh iad air mar a ghabhadh droch-bhuaidh sam bith a leasachadh, ma bha sin a dhìth.

Tha feum air cead-dealbhachaidh bho Chomhairle nan Eilean Siar airson obair sam bith air tìr ann an Leòdhas a bhiodh ceangailte ris an leasachadh far a' chost.

Coinneamh mu Spiorad na Mara

"'S coma leinn an t-airgead... chan eil sinn ag iarraidh nan crann."

Sin am beachd a fhuair an taic a bu làidire aig coinneimh mu Spiorad na Mara sa Ghearran.

'S e Comhairle Coimhearsneachd Shiaboist a chuir a' choinneamh air dòigh is iad ag iarraidh gun cluinneadh riochdairean poileataigeach agus riochdairean nan oighreachdan air taobh an iar Leòdhais beachdan an t-sluaigh.

Dh' fhoillsich a' chomhairle choimhearsneachd freagairtean Northland Power air na meadhanan-sòisealta sa Chèitean.

Crann-gaoithe Gabhsain

Thuirt Northland Power gum biodh iad ag iarraidh cead-dealbhachaidh ro dheireadh 2025 agus gum biodh toradh an rannsachaidh aca air buaidh obair sam bith an lùib sin.

Thuirt iad gun robh iad a' rannsachadh mar a bheireadh Spiorad na Mara buaidh air daoine, an àrainneachd agus fiadh-bheatha.

Dh'innis iad cuideachd gun robh riaghailtean ann mar-tha a thaobh fuaim bho thuathanasan-gaoithe agus gun robh iad den bheachd gun rachadh aca cumail taobh a-staigh nan riaghailtean sin.

Tha aca ri cumail ri molaidhean Buidheann na Mara is nam Maor-cladach agus Bòrd Thaighean-solais a' Chinn a Tuath, thuirt iad, airson solasan air na crainn aig muir.