Dè tha an dàn do ghobhair fhiadhaich Ghleann Seile?

Chaidh na gobhair a leigeil mu sgaoil bho chionn faisg air 90 bliadhna
- Air fhoillseachadh
Tha deasbad a' leantainn mu am bu chòir cur às do fheadhainn de na gobhair a tha mu sgaoil an Gleann Seile an Loch Aillse agus dragh ann mun mhilleadh a nì iad agus gu bheil iad nan cunnart air an rathad mhòr.
Chaidh sinnsearan nam beathaichean a leigeil mu sgaoil bho chionn faisg air 90 bliadhna agus tha iad tric ri fhaicinn aig oir an A87 a tha a' dol tron sgìre.

Tha Nellie Merthe Erkenbach airson agus gun cuir daoine fios air na h-ùghdarrasan ma chì iad gobhar an èiginn
Thòisich Nellie Merthe Erkenbach iomairt le comhairle mu mar as còir do dhaoine a dhèanamh ma chì iad gobhar air a ghoirteachadh is carbad air bualadh ann.
Sgaoil i fiosrachadh air na meadhanan-sòisealta agus air bileagan-pàipeir an dèidh dhi beathaich fhaicinn na èiginn aig oir an rathaid.
"Uaireanan bidh iad dìreach a' dol tarsainn an rathaid agus chan eil diù aca do chàraichean," thuirt i.

Tha dragh ann gu bheil na gobhair nan cunnart air an rathad
Bu chòir, tha i ag ràdh, do dhaoine fios a chur air na poilis agus an SSPCA sa bhad agus air Urras Nàiseanta na h-Alba ma dh'fheumas am beathach a bhith air a spadadh.
"Faodaidh tu innse mu na thachair fiù 's ged nach eil gnothach agad ris.
"Cha leig thu leas dragh a bhith ort gun tèid do choireachadh airson cron a dhèanamh air beathach," mhìnich i.

Thathar a' tomhas gu bheil mu 30 gobhar san treud a chìthear an cois an rathaid
Bha cuid den bheachd gun robh na gobhair fhiadhaich ann cho fada air ais ri linn nan Seumasach agus àm Fuadaichean na Gàidhealtachd.
Ach 's ann an an 1938 a chaidh an leigeil mu sgaoil leis an teaghlach aig an robh iad a bha a' fàgail na sgìre airson obair ann an Dùn Èideann.
Chaidh an taigh aca ann an Allt a' Chruinn a leagail ann an 1967 nuair a chaidh Dàm Chluainidh a thogail ach thàinig na gobhair beò às.
Thàinig fàs mòr air àireamhan agus chaidh na beathaichean mar phàirt den àrainneachd.

Tha gearanan ann gum bi na gobhair ag ithe sìtheanan agus glasraich ann an gàraidhean dhaoine
Ach tha connspaid a' dol mu na gobhair leis na tha ann dhiubh.
Tha beachd ann gu bheil barrachd agus 30 de na beathaichean san treud a bhios ri fhaicinn aig oir an rathaid.
Tha daoine a' gearan gu bheil iad a' milleadh na h-àrainneachd air pàirt de dh'oighreachd le Urras Nàiseanta na h-Alba, gu bheil iad ag ithe lusan an gàraidhean agus gu bheil iad nan cunnart do dhraibhearan.

Tha Màrtainn Robasdan ag ràdh gu bheil na gobhair a-nis "nam pàirt den àrainneachd"
Tha Màrtainn Robasdan à Àrnasdal ag ràdh gu bheil e a' còrdadh ris a bhith gam faicinn.
"Aig an aon àm ge-tà, ged a tha mi measail orra tha mi a' tuigsinn gu bheil e cudromach do dh'Urras Nàiseanta na h-Alba agus do na h-oighreachdan eile smachd a chumail air àireamhan nan gobhar.
"An rud as cunnartaiche ge-tà, 's e an luchd-turais air am pàirceadh ann an àitichean cunnartach gus dealbhan a thogail de na gobhair.
"Nam bheachd, tha iad nam pàirt den àrainneachd agus tha iad cudromach."