Dàil eile is àrdachadh eile ann an cosgais an Glen Rosa

- Air fhoillseachadh
Tha dàil ùr suas ri naoi mìosan air an dàrna aiseag a tha Gàrradh MhicFheargais a' togail do ChalMac.
Tha cosgais an MV Glen Rosa cuideachd air èirigh a-rithist suas ri £35m.
Tha seo a' ciallachadh gun cosg an Glen Rosa is an MV Glen Sannox - a thòisich air an t-slighe eadar Eilean Arainn is tìr-mòr san Fhaoilleach - timcheall air £460m air a' cheann thall.
Bha dùil anns a' chiad dol a-mach gun cosgadh iad £97m.
Tha an Glen Rosa mar-thà fada fada air dheireadh.
Bha còir aice bho thùs air a bhith ann an làmhan CMAL san Iuchar 2018.
Fon chlàr-ama mu dheireadh a bh' ann, bha dùil gun rachadh an Glen Rosa a thoirt seachad san t-Sultain am-bliadhna, ged a bha rabhadh air a bhith ann gum faodadh dàil eile a bhith ann.
Ann am brath ùr tha Gàrradh MhicFheargais ag ràdh gu bheil dùil a-nise gum bi an Glen Rosa "gu ìre mhòir deiseil" sa chiad chairteal de 2026 is gun tèid a toirt seachad eadar an Cèitean is an Ògmhios
"Chan e seo idir an naidheachd a bha sinn airson sgaoileadh ach tha sinn a' tuigsinn gum feum fios a bhith aig CalMac gus an urrainn dhaibh seirbheis cho math 's a ghabhas a thoirt seachad.
"Tha sinn ag obair gu cruaidh gus dèanamh cinnteach gun tèid cumail ris a' chlàr-ama seo."
- Air fhoillseachadh21 An t-Samhain 2024
- Air fhoillseachadh13 Am Faoilleach
- Air fhoillseachadh16 Am Màrt
"Tha sinn a' tabhainn leisgeul do dh'eileanaich mun dàil ùir seo is tha sinn airson is gum bi fios aig a h-uile duine gu bheil sinn ag obair gus soitheach aig àrd-ìre a thoirt seachad.
"Nuair a thig i bheir an Glen Rosa cruth-atharrachadh air an t-seirbheis a tha coimhearsnachdan eileanach a' faighinn."
Thuirt an Leas-Phrìomh Mhinistear Ceit Fhoirbheis gu bheil i air innse do Ghàrradh MhicFheargais gur e "briseadh-dùil mòr" a tha san naidheachd.
Thuirt i gu bheil "luchd-pàighidh nan cìsean is coimhearsnachdan a tha an urra ri seirbheisean aiseig airidh air seirbheis nas fheàrr".
Tha a' Bh Ph Fhoirbeis air buidheann ùr a stèidheachadh a nì ath-sgrùdadh seachdaineil air suidheachadh an Glen Rosa.
Bidh riochdairean bho Ghàrradh MhicFheargais, CMAL is luchd-comhairlichidh neo-eisimeileach air a' bhuidhinn.
Bha dùil bho thùs gum biodh an Glen Rosa air an t-slighe eadar Ùige, Loch nam Madadh is an Tairbeart.
Air a' cheann thall chaidh co-dhùnadh gum biodh dà aiseag ùr eile ann, tè a' frithealadh air Uibhist a Tuath is tè air an Taibeart.
Tha na h-aiseagan sin gan togail san Tuirc, ged a tha dàil orrasan cuideachd.
Bidh an Glen Rosa còmhla ris an Glen Sannox eadar Arainn is tìr-mòr.