Taigh-Cèilidh san amharc an Steòrnabhagh

  • Air fhoillseachadh
Steòrnabhagh

Thòisich iomairt airson àite-cruinneachaidh a stèidheachadh do luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Steòrnabhagh.

'S e an Taigh-Cèilidh a bhiodh air, agus tha an fheadhainn air cùl a' phlana airson 's gun gabhadh dearbhadh gun urrainn don ionad soirbheachadh gu h-eaconamach gun luaidh air na buannachdan cultarail a dh'fhaodadh a bhith na chois.

'S e fear a dh'ionnsaich a chuid Ghàidhlig agus a bhios ga teagasg tro mheadhan na Cuimris a thòisich an iomairt.

Tha Teàrlach Wilson ag ràdh gun do chuir e iongnadh air nuair a thàinig e a Steòrnabhagh an toiseach nach robh a' Ghàidhlig na bu fhollaisiche sa bhaile.

Tha e a' tuigsinn a-nis gur ann a-muigh air an dùthaich as motha a tha a' Ghàidhlig fhathast ga bruidhinn aig ìre choimhearsnachd, ach tha e den bheachd gun togadh e ìomhaigh a' chànain nan robh an Taigh Cèilidh stèidhichte am prìomh-bhaile an eilein agus gum biodh e na bu ghoireasaiche agus na b' fhasa do dhaoine fhaighinn ann.

Tha e cudromach, tha e ag ràdh, gur e gnìomhachas ceart a bhiodh ann.

"Tha sinn an dòchas gum bi seo a' sealltainn do dhaoine gu bheil Gàidhlig luachmhor, agus feum oirre airson na h-eaconomaidh cuideachd," thuirt e.

"Bha mi a' smaoineachadh, uill, ma tha gnìomhachas againn, gnìomhachas Gàidhlig, agus ma tha sin a' dèanamh airgid.

"Agus anns an taigh-chèilidh seo, 's e an dòchas gum bi ùidh aig luchd-labhairt na Gàidhlig aig a bheil Gàidhlig bho thùs, ach cuideachd luchd-ionnsachaidh, air sgàth 's gu bheil iad ag iarraidh an cànan a chleachdadh.

"Ach cuideachd do luchd-turais aig nach eil facal sam bith ann an Gàidhlig.

"Chan eil iad airson a thighinn dhan eilean agus a dhol gu can Starbucks, no Costa.

"Tha iad airson an cultar Leòdhasach, an cultar eileanach, an cultar Albannach fhaicinn.

Tha Mgr Wilson air plana-gnìomha a dhèanamh agus tha e a-nis a' feuchainn ri airgead a thogail air a shon.

Tha iomairt mar seo a' dol ann an Inbhir Nis cuideachd agus buidheann an sin a' feuchainn ri goireas air am bi An Cultarlann a stèidheachadh do luchd na Gàidhlig ann am prìomh-bhaile na Gàidhealtachd.