Rùp ScotWind air £700m a thogail
- Air fhoillseachadh

Chaidh 17 pròiseactan a thaghadh ann an rùp 'son chòraichean leasachaidh 'son tuathan-gaoithe aig muir a thogail far chosta na h-Alba.
Pàighidh an fheadhainn a shoirbhich £700m 'son cothrom fhaighinn leasachaidhean a thoirt air adhart.
Bha 15 sgìrean aig muir ann am farpais ScotWind.
Nam measg, tha sgìrean an iar-thuath air Leòdhas is Ìle, agus far chosta tuath na h-Alba agus ann an Linne Mhoireibh.
Bha 74 tagraidhean air an cur air adhart le buidhnean a tha 'son tuathan-gaoithe aig muir a stèidheachadh anns na sgìrean seo.
Dh'innis Oighreachd a' Chrùin ann an Alba gun robh 17 pròiseactan, taobh a-muigh air soirbheachadh.
Am measg nam buidhnean a shoirbhich tha leithid BP Alternative Energy Investments, SSE Renewables, is Scottish Power Renewables.

Bha 15 sgìrean-leasachaidh aig muir ann am farpais ScotWind.
Pàighidh Scottish Power Renewables cha mhòr £144m 'son dà thuath-gaoithe a stèidheachadh.
Bidh tè de na pròiseactan sin far Ìle.
'S iad na buidhnean Northland Power is Magnora a fhuair na còraichean an iar is gu tuath air Leòdhas.
Thig £700m dhan sporan phoblach bhon rùp is dùil ris na billeanan Notaichean a bharrachd às na pròiseactan fhèin anns na bliadhnaichean ri tighinn.
Thuirt Oighreachd a' Chrùin gu bheil iad an dòchas gun tig suas ri 10GW às na leasachaidhean.
Thathas an dòchas cuideachd gur e ceum cudromach a bhios ann a thaobh oidhirp na h-Alba a bhith neodrach a thaobh càrboin ro 2045.
Ach chan eil anns an rùp ach toiseach-tòiseachaidh is tòrr aig na buidhnean ri dhèanamh mus tòisich fiù 's obair togail - am measg eile planaichean nas mionaidiche a dhealbh, cead-dealbhachaidh iarraidh, is ceanglaichean-dealain a chur air dòigh.