Gealltanas às ùr gum faigh Barraigh sgoil agus ospadal ùr

Bàgh a' Chaisteil
  • Air fhoillseachadh

Bha gealltanas ann am prògram reachdais Riaghaltas na h-Alba a chaidh fhoillseachadh Dimàirt gun tèid Campas Bharraigh is Bhatarsaigh air adhart, le goireasan ùra foghlaim agus slàinte.

Bha mì-thoileachas mòr ann nuair a dh'innis an Riaghaltas dhan choimhearsnachd ann an 2023 nach biodh airgead ann airson ospadail ùir do Bharraigh.

Tha sin a dh'aindeoin 's gun do gheall Nicola Sturgeon ann an 2008, nuair a bha i fhèin na Rùnaire Slàinte, gum biodh ospadal ùr mar phàirt de hub coimhearsnachd far am biodh cuideachd goireasan foghlaim agus seirbheisean poblach eile.

Dhearbh an Riaghaltas gun obraicheadh iad le Comhairle nan Eilean Siar, NHS nan Eilean Siar agus a' bhuidheann maoineachaidh, Scottish Futures Trust, airson plana seasmhach a dhealbh.

A' bruidhinn air Aithris na Maidne Diciadain ghabh Ball-Pàrlamaid nan Eilean Siar, Alasdair Allan, ris nach eil fhios aige cuin a bhios airgead calpa air a chur mu choinneimh a' phròiseict neo dè an clàr-ama a th' ann airson a thoirt gu buil.

Chaidh e às àicheadh gur e ceum air ais gu toiseach gnothaich a th' ann an dèidh 17 bliadhna de gheallaidhean agus còmhradh.

"Chan eil sinn air a bhith a' bruidhinn mu dheidhinn plana airson 17 bliadhna.

"Tha e fìor a ràdh gun robh am Prìomh Mhinistear bho chionn 17 bliadhna a' bruidhinn air staid an ospadail agus am feum a bh' ann airson ghoireasan ùra

"Ach tha e fìor a ràdh gu bheil cus tìde air a dhol seachad a' bruidhinn mu na planaichean a bh' ann agus a-nis tha an t-àm ann airson fiosrachadh mu dheidhinn ciamar a bhios sinn a' cur a h-uile rud ri chèile."

Tha Mgr Allan den bheachd gur e mar a rinn muinntir Bharraigh is Bhatarsaigh strì airson ghoireasan slàinte is foghlaim ùra as coireach gu bheil gealltanas ùr ann.

Thuirt e gur e "ceum mòr a th' ann" gu bheilear a-nis a' bruidhinn air sgoil ùr seach a bhith a' càradh na seann tè a th' ann.

Tha Mgr Allan misneachail gu bheil am plana a' ciallachadh gum bi dòigh am pròiseact a chur ri chèile agus earbsa gum biodh an t-airgead ann.

Ghabh e ris nach eil fhios aige cuin a bhios sgoil ùr agus ospadal ùr ann am Barraigh.

"An rud tha a' choimhearsnachd ag iarraidh 's e freagairt dhan cheist sin agus tha mi a' feuchinn ri sin fhaighinn a-mach," mhìnich e.

"Fiosrachadh mionaideach"

Chuir Comhairle nan Eilean Siar fàilte air an naidheachd ach tha iad ag ràdh gu bheil feum a-nise air fiosrachadh mionaideach air a' phròiseas agus an clàr-ama a bhios ann.

"'S e naidheachd air leth a th' ann gu bheil Riaghaltas na h-Alba a-nise air taic a chur ri goireasan NHS agus foghlaim aig Pròiseact a' Champais Choimhearsnachd," thuirt ceannard an ùghdarrais ionadail, Pòl Steele.

"Tha Comhairle nan Eilean Siar air dèanamh soilleir fad iomadh bliadhna gur e pròiseact compàirteachais an dòigh as fheàrr seirbheisean ùra a thoirt seachad do Bharraigh is Bhatarsaigh.

"Le Riaghaltas na h-Alba a-nise a' cur taic ri seasamh na Comhairle faodaidh sinn gluasad seachad air ìre dealbhachaidh is na seirbhisean a thoirt seachad.

"Feumaidh muinntir Bharraigh is Bhatarsaigh a-nise fiosrachadh mionaideach fhaighinn air a' phròiseas is clàr-ama.

"Feumaidh tuigse a bhith aig gach buidheann a tha an sàs mun bhuaidh a tha goireasan a tha a' sìor dhol bhuaithe a' toirt air daoine," thuirt e.