Sgeilfichean bhùthan a' Cho-op sna h-eileanan falamh an dèidh ionnsaigh shaidhbeir

Bogsaichean falamh ann am bùth a' Cho-op am Port Rìgh
- Air fhoillseachadh
Tha cuid de bhùthan a' Cho-op ann an eileanan na h-Alba air a bhith a' ruith a-mach à biadh ùr an dèidh mar a thugadh ionnsaigh shaidhbeir air a' chompanaidh.
Thug na h-eucoirich buaidh air bùthan san Eilean Sgitheanach agus sna h-Eileanan an Iar am measg eile.
Dh'innis a' chompanaidh dhan BhBC Dihaoine gun deach tòrr dàta mun luchd-ceannaich aca a ghoid san ionnsaigh air na siostaman aca.
Co-op Phort Rìgh
Thug na thachair buaidh cuideachd air òrdughan gu cuid de bhùthan eile na companaidh air feadh na Rìoghachd Aonaichte.
Tha bùthan gann de ghlasraich, measan, feòil agus biadh-bainne.

Tha gainnead de ghlasraich is measan air sgeilfichean a' Cho-op ann an Steòrnabhagh
Thug Ionad Nàiseanta na Tèarainteachd Saidhbeir (NCSC) rabhadh gun robh na h-eucoirich a bha a' toirt nan ionnsaighean saidhbeir air bùthan Bhreatainn a' toirt a chreids gur e luchd-taice IT a bh' annta airson briseadh a-steach gu na siostaman aca.
A bharrachd air a' Cho-op, tha a' bhuidheann eucoireach air ionnsaigh a thoirt air Marks & Spencer agus Harrods sa chola-deug mu dheireadh, agus thug iad rabhadh gun toir iad ionnsaighean eile a dh'aithghearr.
Tha an NCSC a' toirt comhairle do bhuidhnean ag iarraidh orra ath-sgrùdadh a dhèanamh air a' phròiseas aca airson facail-fhaire atharrachadh mar dhòigh ionnsaigh a sheachnadh.

Cha mhòr gu bheil feòil agus biadh-bainne air fhàgail sa Cho-op ann an Steòrnabhagh