Cothrom air obair ùr àrc-eòlais aig Cùil Lodair
- Air fhoillseachadh

Dh'fhaodadh gun tig gnothaichean bho àm Bhlàr Chùil Lodair am bàrr mar phàirt de dh'obair gus sgoil ùr a thogail san sgìre.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd an-dràsta ag obair air planaichean 'son dachaigh ùir do dh'Acadamaidh Chùil Lodair le goireasan spòrs na cois faisg air an làraich a th' ann.
Tha feum air togalach is goireasan ùra leis na tha de chloinn a-nis a' dol innte.
Rachadh an leasachadh air adhart mean air mhean ann an ceithir ceumanan.
Tha a' phròiseact a-nise aig ìre is gu bheil Comhairle na Gàidhealtachd air clàradh gu h-oifigeil gu bheil iad an dùil iarrtas 'son cead-dealbhachaidh a chur a-steach.
Cothrom
Tha an acadamaidh tuath air far an robh a' mhòr-chuid den t-sabaid eadar na Seumasaich is feachdan Riaghaltas Bhreatainn air an 16mh den Ghiblean 1746.
A rèir aithisg a thèid air beulaibh chomhairlichean, chan eil fearann, togalaichean no carraighean-cuimhne le inbhe shònraichte air an làraich far an tèid an sgoil ùr a thogail.
Tha an aithisg ag ràdh ge-tà, gu bheil fios gu bheil gnothaichean bho àm a' bhlàir air an tìodhlaigeadh ann an sgìre fharsaing timcheall air far an do thachair e.
A rèir na h-aithisg, dh'fhaodadh gum biodh cothrom air obair ùr àrc-eòlais mar phàirt de phròiseact na sgoile ùire.
Beachdachaidh Comataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Deas air a' chùis aig coinneimh, taobh a-muigh Dimàirt seo tighinn.