HebCelt na bliadhna "gu math soirbheachail"

HebCeltTùs an deilbh, HebCelt
  • Air fhoillseachadh

Thàinig Fèis Cheilteach Innse Gall gu ceann ann an Stèornabhagh oidhche Shathairne, le Skerryvore am measg na bha air an àrd-ùrlar.

Cha robh tiocaid air fhàgail airson sin, is luchd na fèise ag ràdh gur e tachartas gu math soirbheachail a bh' ann.

"Chòrd Lulu ri tòrr dhaoine, chòrd Tide Lines ri tòrr dhaoine, chòrd Skerryvore ri tòrr dhaoine - Dòtaman, bha e uabhasach fhèin math sin fhaicinn a-rithist!" thuirt iar-chathraiche na Fèise, Eilidh Linc.

"Bha an teanta gu math trang airson sin. Chan eil fhios a'm an robh Donnie fhèin den bheachd gun robh e gu bhith cho trang sin, ach bha e uabhasach fhèin toilichte."

30 bliadhna

Tha aire mar thà a' tionndaidh chun na h-ath-bhliadhna agus an Fhèis gu bhith 30 bliadhna de dh'aois.

"Thòisich sinn air sin 's dòcha dhà no thrì mhìosan air ais cuideachd," thuirt Eilidh.

"Tha sinn an-còmhnaidh a' coimhead air adhart ri dè 's urrainn dhuinn atharrachadh, dè 's urrainn a dhèanamh nas fheàrr.

"'S dòcha nach do dh'obraich rud no dhà, so tha sinn a' coimhead air mar as urrainn dhuinn sin a dhèanamh nas fheàrr."

Cò dh'iarradh sibh?

Tha cothrom aig daoine a bh' aig an fhèis suirbhidh a lìonadh a mholadh leithid dè na còmhlain a dh'iarradh iad fhaicinn.

Tha Eilidh ag ràdh gum bithear ag èisteachd ris na beachdan sin.

"Bha tòrr dhaoine airson Tide Lines fhaicinn, bha iad airson Skerryvore fhaicinn, bha iad airson Trail West," thuirt i.

"Tha sinn ag èisteachd ri sin.

"Tha sinn airson 's gu bheil an cothrom na còmhlain a tha daoine airson fhaicinn fhaicinn an seo ann an Leòdhas.

"Ach bhiodh e cuideachd math còmhlain eile fhaicinn còmhla riutha cuideachd."