Órla air a dòigh a bhith air an Great British Sewing Bee

Órla
  • Air fhoillseachadh

Tha oileanach às a' Ghàidhealtachd ag amas air barrachd soirbheachais is i gu bhith a' nochdadh sa phrògram telebhisein The Great British Sewing Bee air a' BhBC.

'S ann às Inbhir Nis a tha Órla is i an-dràsta na h-oileanach ann an Dùn Èideann.

Tha i air a bhith a' fuaigheal 'son grunn bhliadhnaichean a-nise.

Chan eil e na iongnadh mar sin gu bheil i air a dòigh a bhith a' gabhail pàirt sa phrògram air BBC One.

"Choimhead mi air a' phrògram le mo theaghlach bho chionn bliadhnaichean a-nise is bha mi an-còmhnaidh an dùil cur a-steach air a shon", dh'innis Órla do BBC Naidheachdan.

"Bha mi dìreach a' smaointinn gur e sin rud a bhithinn 's dòcha math air agus gun còrdadh e rium.

"Bha mi ceart - bha e cho spòrsail!"

Órla is farpaisich eile
Fo-thiotal an deilbh,

Órla is farpaisich eile

Chan urrainn dha Órla dad a ràdh mu dheidhinn mar a chaidh leatha.

Thuirt i gur e faochadh a th' ann a-nise gun urrainn dhi innse gu bheil i gus a bhith air.

"Tha mi dìreach 'son coimhead leis mo charaidean is mo theaghlach agus faicinn dè thachair.

"Chan eil cuimhne agam air tòrr dheth oir bha e cho intense!

"A bharrachd air sin tha mi fhathast a' fuaigheal, pròiseactan beaga dhomh fhèin, agus 's dòcha san àm ri teachd gum bi mi a' dèanamh barrachd".

Bha Órla anns na naidheachdan roimhe is i air a' chiad dhuais airson dealbhadairean bhon Rìoghachd Aonaichte a bhuannachadh aig farpais Junk Kouture ann an Abu Dhabi.

Rinn i dreasa air an robh Jump for Joy is Órla air a cruthachadh à seann trampoline agus pàipearan suiteis.

Tòisichidh an sreath ùr den Great British Sewing Bee air BBC One aig 9f Dimàirt.