EDF air ais am Beinn na Faoghla

EDFTùs an deilbh, EDF
  • Air fhoillseachadh

Tha Fèis an Eilein Duirche (EDF) a' tilleadh gu Beinn na Faoghla a dh' aithghearr.

Tha an fhèis-ciùil gu bhith a' dol Dihaoine 25mh agus Disathairne 26mh den Iuchar air a' mhachaire ann an Lionacleit agus tha iad a' gealltainn deireadh-sheachdain de cheòl, de chultar agus de choimhearsnachd.

Am measg na tha gu bhith ann am-bliadhna, tha na còmhlain Skippinnish, Trail West agus Beinn Lee. Nochdaidh cuideachd luchd-ciùil Albannach ùra.

Tha an fheadhainn a th' air cùl na fèise ag ràdh gu bheil rudeigin ann dhan a h-uile duine - ge b' i dè an seòrsa stoidhle ciùil as toil leat.

Bidh stàlaichean bìdh ionadail ann agus cur-seachadan do theaghlaichean cuideachd.

Làrach EDFTùs an deilbh, EDF

Dh' fhoillsich EDF compàirteachas le Ceòlas o chionn ghoirid - rud a tha iad ag ràdh a tha a' daingneachadh na taice a th' aca don Ghàidhlig agus do bheartas cultair Uibhist. Mar phàirt den aonta, thèid Àrd-ùrlar na Bàthchadh ainmeachadh as ùr - Àrd-ùrlar Cheòlais a bhios ann o seo a-mach.

Tharraing an fhèis mu 5000 neach an-uiridh agus thathar a' tomhais gun tàinig £1.3m dhan eaconamaidh ionadail. Tha seo a rèir measadh air buaidh eaconamach na fèise.

Fèis EDFTùs an deilbh, EDF

Tha Manaidsear Leasachaidh na Fèise, Ruairidh MacAoidh, ag ràdh nach e fèis ciùil a-mhàin a th' ann an EDF ach tachartas culturail a tha a' tarraing dhaoine còmhla o air feadh Alba agus nas fhaide air falbh na sin agus a tha a' togail air na tha a' dèanamh nan eileanan cho sònraichte.

Ann an 2024, bhuannaich EDF an Thistle Award airson Tachartas Culturail na bliadhna ann an sgìre na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

Airson ticeadan no fiosrachadh sam bith eile co-cheangailte ris an fhèis, thigibh gu: www.edffestival.com, taobh a-muigh