Urram ga bhuileachadh air 'Eddy na h-Aimsire'

- Air fhoillseachadh
Chaidh urram a bhuileachadh an Dr Eddy Greumach, a tha stèidhichte an Steòrnabhagh le Comann Rìoghail na h-Aimsire.
Fhuair an Dr Greumach, no 'Eddy na h-Aimsire' mar a tha aig cuid air, Duais Aimsire Ghòrdan Mhanley.
Thugadh an t-urram seachad le Cathraichte Comann Rìoghail na h-Aimsire, an t-Oll. Brian Golding mar phàirt de na duaisean aig a' bhuidhinn airson daoine fhoghlamachadh agus a bhrosnachadh ùidh a ghabhail anns an aimsir.
Fhuair an Dr Greumach an duais mar thoradh air an obair a rinn e thairis air còig bliadhna mar Cho-dheasaiche Leabhar-là a' Chomainn Rìoghail air an aimsir.
Dealasach
Chaidh moladh mòr a dhèanamh air cho dealasach 's a bha an Dr Greumach anns an dreuchd airson an iris ùrachadh agus a chumail aig àrd-ìre, gu sònraichte tro àm a' phandemic.
Thuirt an Dr Greumach gur e urram mòr a th' ann dha an duais seo fhaighinn:
"Bhon a bha mi glè òg, tha an t-sìde air a bhith na pàirt chudromach de mo bheatha.
"Fhad 's a tha mi a' gabhail ris an duais seo, feumaidh mi aithneachadh agus taing a thoirt do mo theaghlach, do na caraidean agus na co-obraichean agam thar nam bliadhnaichean a tha air cuideachadh a thoirt dhomh le iomadach rud anns an robh mi an sàs, a' gabhail a-steach a h-uile duine aig UHI agus aig UHI a Tuath, an Iar agus Innse Gall," thuirt e.
Tha an Dr Greumach a' teagasg grunn chuspairean aig an UHI ann an cùrsaichean BA (Urr.) Cruinn-eòlas agus BA (Urr.) Leasachaidhean Seasmhach.
Tha e cuideachd os chionn a' chùrsa ùir MSc aca air Fìor Dhroch Aimsir.